The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

CHAN E ANNAS a th’ anns an naidheachd mu dheuchainn­ean air làraidhean-bathair a’ siubhal fo smachd choimpiuta­irean ann am Breatainn ro dheireadh na bliadhna.

Tòisichidh na deuchainne­an aig ionad-rannsachai­dh ach tha dùil gum bi seo ga dhearbhadh air prìomh rathaidean ro dheireadh na-h-ath-bhliadhna. Chaidh leithid fheuchainn san Òlaind mar-thà le dà charbad a’ siubhal sròn ri earball ann an structar ris an canar “platoon”, ach tha Obairlann Còmhdhail (TRL) Bhreatainn dol a dh’fheuchainn sreath de thrì làraidhean às dèidh a chèile.

Ged a bhios draibhear anns gach carbad aig an ìre seo, ‘s ann aig an dràibhear a tha air toiseach na sreatha a bhios smachd air astar is mar sin air adhart, ach bidh gach dràibhear a’ stiùireadh a charbad fhèin. Ri linn iad a bhith fo smachd choimpiuta­ir bidh na làraidhean a’ siubhal mòran nas dlùithe air a chèile na ‘n àbhaist agus leis gum bi na dhà a th’ air deireadh ann am fasgadh na tè air toiseach, thathas a’ cumail a-mach gun caomhain sin mu dheich sa cheud ann an connadh leis an aon ìre dìon air an àrainneach­d.

‘S fhada bho chualas an toiseach gur e airgead a tha a’ riaghladh an t-saoghail, agus ‘s e na sàbhalaidh­ean a thathar a’ gealltainn an lùib nan innleachda­n seo a chumas na deuchainne­an a’ dol chun an ruigear ìre far nach bi feum air dràibheara­n làraidh idir! Saoilidh mi gum bi greis thuige sin ged-thà, agus na mo bheachd fhìn cha tig latha far an obraich carbadan sam bith gun dràibhear air rathaidean cumhang shingilte na dùthcha.

‘S e fìrinn na cùise gum bheil an t-uamhas charbadan a’ siubhal an seòrsa rathaidean sin an-dràsta fhèin, air Ghàidhealt­achd co-dhiù, agus gu dearbh dh’fhaodar a ràdh nach eil dràibhear annta leis cho beag tuigse ‘s a th’ aca.

Bho chionn beagan làithean dh’fhoillsich an Riaghaltas gum bheil dearbhadh cead-dràibhidh na dùthcha a-nise dol a dh’iarraidh eòlas air modh dràibhidh mòr-rathaidean. Chan eil duine nach aontaich gur e gluasad thùrail a tha sin agus rud a chuireas ri sàbhailtea­chd siubhail feadh na dùthcha.

Le dearbhadh nàiseanta gum bheil deich uimhir de thubaistea­n air rathaidean singilte na dùthcha na th’ air mòr-rathaidean, saoilidh mise gur còir dhan deuchainn dràibhidh cuideachd eòlas iarraidh air rathaidean singilte. Cha chuireadh sin stad air tubaistean ach chuidichea­dh e dràibheara­n tuigse fhaotainn air leud agus fad an cuid carbad, gun iomradh air leud an rathaid agus nach fhaigh dà charbad seachad air a chèile air slighe shingilte. Cha chan mi guth mu dhìth comais carbad a stiùireadh an comhair a chùil.

MOTORWAY driving experience in driving tests makes sense, even if driverless trucks were not about to appear.

But with 10 times more accidents on single-track roads, surely knowledge of driving these should also be included. Drivers might learn to judge the width and length of their vehicles; that they cannot pass on single tracks; and some might even learn to reverse.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom