The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

AN DEICHEAMH LÀ do theas a’ Mhàigh theich uam mo nàdar bròin, ‘ S mi ’ m sheasamh làmh ri easan gàireach dearcadh blàth ’ n Uillt-Mhòir.

Thàinig faclan a’ bhàird Dòmhnall nan Òran nam inntinn nuair a chuala mi gun robh Abhainn Hamara, neo An t-Allt Mòr, ann an Gleann Dail air cur thar a bruaichean a-rithist. B’ e dealbh gu math eadar-dhealaicht­e a bha fo shealladh mhuinntir a’ Ghlinne an turas seo, agus chithear air an eadarlìon an craos uisge a bha a’ sruthadh mu ìochdar lotaichean Ghlas Pheighinn agus Fhearann Mhic Guaire, agus a’ dòrtadh thar an Leth Pheighinn agus tro Thalla Coimhearsn­achd Ghlinn Dail! Seo an dàrna turas, saoilidh mi, a tha an Talla seo air a bhith air a milleadh le tuil den t-seòrsa agus chan eil teagamh nach eil cosgais mhòr dol a thighinn an lùib càraidh. Dhùisg an aimlisg ceist nam inntinn a thaobh na h-ìre gun deach beachdacha­dh air cunnart thuiltean, neo an robh mothachadh sam bith air leithid de chunnart, nuair a bhathas a’ dealbh an togalaich seo bho chionn beagan bhliadhnai­chean air ais. Bhuail e orm às ùr na tha de dh’eòlas coimhearsn­achd ga chall ann an ùine glè ghoirid nuair a tha sluagh ùr a’ gluasad gu ruige àite. Chan e annas sam bith a th’ ann an tuiltean air làr Ghleann Dail, agus thar linntean tha aithris air Cladh Chille Chòmhghain a bhith tric mar eilean air a chuartacha­dh le uisge an Uillt Mhòir. ‘S e buaidh nàdair a tha ag adhbharach­adh mar a bhios a’tachairt. Nuair a tha uisge mòr a’ cur tuill dhan Allt agus na h-uisgeachan sin a’ coinneacha­dh ri làn àrd aig beul na h-aibhne ann an Loch Pholl Teil, chan eil àite aig an uisge dhan tèid e ach air ais suas dhan Ghleann thar bhruaichea­n na h-aibhne.

Leis gum bheil làr a’ Ghlinne còmhnard chan eil bacadh air an uisge, agus cha b’ iongnadh mar sin ged a bhithte a’ faighneach­d carson a rachadh togalach a stèidheach­adh far am bheil e gu bhith an cunnart bho leithid de thachartas. Ghabhadh an suidheacha­dh leasachadh mar a thathas a’ dèanamh ann an Gleann Moireasdan le Dam Chluainidh a’ gleidheadh uisge nam beanntan agus ga leigeil às beag air bheag gus nach cuir aibhnichea­n a’ ghlinne thairis. Cha tig leithid de dham gu ruige Gleann Dail gu bràth!

Dh’fheumte billeanan a chosg agus dàrna leth a’ Ghlinne fhàsachadh agus a chur fo uisge, agus tha sin a’ fàgail dùbhlan leantainne­ach aig luchdstiùi­ridh na talla coimhearsn­achd air ciamar a ghabhas sochair deatamach coimhearsn­achd a dhìon bho na tuiltean a thig cho cunbhalach ‘s a rinn iad fad linntean.

WHILE EXTREMELY SORRY to hear that Skye’s Glendale Community Hall has suffered flooding again, I found myself wondering whether this risk had been considered in the planning of an important community resource. The Hamara River has been flooding for centuries when heavy rainfall coincides with high tides.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom