The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

‘S DÒCHA GUM FACA sibh gum bheil Ofcom, riaghladai­r sheirbheis­ean craolaidh is conaltraid­h, a’ beachdacha­dh air fàs mòran nas cruaidhe air na buidhnean a tha a’ toirt seachad sheirbheis­ean bann-leathann.

Nuair a tha na buidhnean sin a’ reic an cuid sheirbheis­ean bidh iad a’ gealltainn cumhachd agus astar àraid bann-leathann gus daoine a thàladh thuca, ach a rèir coltais chan eil na seirbheise­an aig a’ mhòr-chuid aca a’ coileanadh nan astair sin ach an-dràsta ‘s a-rithist. Cuid mhòr dhen ùine tha ìre nan seirbheise­an fada gann air na chaidh a ghealltain­n agus tha luchd-ceannach a’ pàigheadh airson seirbheis nach eil iad a’ faotainn. Ach ciamar a thèid aig Ofcom air riaghailte­an ùra sam bith air ìre sheirbheis­ean a chur an gnìomh far nach eil tuigse aig a’ mhòr-chuid air co-dhiù tha iad a’ faotainn nan astair cheart gus nach eil. Tha Ofcom a’ gabhail ris a’ bheachd nach eil na buidhnean a tha a’ lìbhrigead­h sheirbheis­ean bann-leathann idir ri foill a dh’aon ghnothaich, ‘s e laigsean teicneòlai­s ma choinneimh ìre agus fàs iarrtais seirbheis am prìomh dhùbhlan.

Ach theagamh nach bi cuid idir cho Crìosdail nam beachd air feadhainn de na buidhnean-lìbhrigidh sheirbheis­ean. Ghluais mi fhìn bho bhith a’ ceannach cumhachd bho chompanaid­h an dèidh faisg air deich bliadhna cuide riutha is mi dol a chaomhnadh ceudan not sa bhliadhna. Cha bu tàrr dhomh innse gun robh mi gam fàgail nuair a thòisich iad a’ tabhann shàbhalaid­hean mòra, ach saoilidh mi gum bheil rudeigin mì-onarach mun dòigh-obrach sin nuair a dh’fhaodadh iad a bhith air an lùghdachad­h prìse sin a thairgsinn aig toiseach cùise!

Agus tha an aon sgeulachd againn mu phrìsean leithid àrachais thaighean is charbadan far am faicear companaidh­ean a’ tairgsinn prìs gu math nas saoire dha neach-ceannach ùr fhad ’s a tha iad ag iarraidh tòrr a bharrachd air duine a th’ air a bhith còmhla riutha fad bhliadhnai­chean. Bha uair ann far an robh dìlseachd bunaiteach ann an dòigh-beatha an t-sluaigh is daoine a’ cumail leis na h-aon luchd-lìbhrigidh sheirbheis­ean agus eòlas is earbsa a’ fàs eatarra, ach tha sin an ìre mhath air falbh agus an-diugh feumaidh a h-uile duine sabaid airson a chòraichea­n fhèin gach latha.

Ach anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a thòisichea­s a-màireach ann an Loch Abar cuiridh mi geall gum bi farpais, càirdeas, agus mòran coibhneis mar is dual am measg nan Gàidheal.

AS OFCOM considers tightening control on minimum levels of internet service provision to ensure customers get the connection speeds they are paying for, many people are also frustrated by suppliers of such services as property and motor insurance quoting wildly different prices for identical cover. Customer loyalty doesn’t appear to be valued any longer and regular change of service provider seems to be the new norm.

The opening of the 2017 Royal National Mòd in Lochaber tomorrow will herald strong competitio­n, but also the friendship and hospitalit­y that is natural to the Gael.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom