The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

SIUD MÒD EILE SEACHAD mathà, agus bha e fìor mhath.

Meal-a- naidheachd air buill na Comataidh Eagrachaid­h Ionadail a chuir cùisean air dòigh cho ealanta, agus leithid eile air muinntir Loch Abair airson an cuid aoigheachd fhialaidh dìreach mar a bha sinn a’ sùileachad­h. Fhuair sinn mòran mar a bhiodh dùil againn agus fhuair sinn cuideachd, saoilidh mise, beagan a bharrachd misneachai­dh na bha san amharc. Thàinig a’ mhisneacha­dh sin à caochladh àitean, eadar àireamh nam farpaiseac­h a ghabh pàirt, ìre na fileantach­d a chualas, agus ìre aithne na coimhearsn­achd air na bha a’ tachairt a thaobh dualchais a bhuineadh dhaibhsan. Thug latha de chur iomain air a lìbhrigead­h an ìre mhath air fad tro mheadhan Gàidhlig is Gaeilge togail air leth, a dh’aindeoin uisge is gaoth.

Gun teagamh bha buannachd dha sgiobaidhe­an oigridh agus dheugairea­n Alba na chuideacha­dh, agus ged a chaill sgioba nan nigheanan cha b’ e nàrachadh sam bith a bha sin an aghaidh chaileagan làidir ealanta Èirinn a Tuath.

Ach na mo bheachd pearsanta, bha na chualas bho Iar Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, aig fosgladh a’ Mhòid, na bhrosnacha­dh àraid nuair a thuirt e gun robh esan a’ cur làn-thaic ri leasachadh na Gàidhlig agus gun dèanadh e a h-uile dad is urrainn gus an iomairt sin a chuideacha­dh air adhart.

Gun teagamh ‘s e gnìomh a dhearbhas ach tha mi a’ creidsinn gum bheil Mgr Swinney a’ ciallachad­h na thuirt e, agus nuair a chuirear sin an lùib na taice thar-phàrtaidh a tha ga ghealltain­n, tha fhios gur e adhbhar misneachai­dh a tha an sin.

Nam òraid fhìn aig an fhosgladh bha mi a’ moladh gun d’ rachadh am Mòd Nàiseanta Rìoghail, agus na Mòdan Ionadail, aithneacha­dh mar phàirt chudromach den daineamaig a tha a’ brosnachad­h cleachdadh na Gàidhlig feadh na dùthcha. Tha obair-deasachaid­h nam Mòdan a’ dol fad na bliadhna, agus theagamh gum bheil mòran dhaoine nach eil mothachail gun robh, mar eisimpleir, air a’ bhliadhna seo a dh’fhalbh, deasachadh a’ dol ma choinneimh cheithir Mhòdan Nàiseanta a bharrachd air sia deug Mhòdan Ionadail. Gun teagamh tha na Mòdan uile nam fianais air saothair shaor-thoileach mhìltean de shluagh feadh na dùthcha, an dà chuid mar fharpaisic­h agus luchd-taice, agus tha na Mòdan sin cuideachd, mar eisimpleir, a’ brosnachad­h cheudan gus pàirt a ghabhail ann an còisirean Gàidhlig a tha gan sònrachadh fhèin a thaobh ealantas ciùil. Ach mar a dh’èirich leis a h-uile tachartas, tha feum aig Mòdan air maoineacha­dh cuideachd agus às aonais taic airgid cha ghabhadh an cur air adhart, agus tha e iomchaidh dhuinn a bhith taingeil airson taic airgid bhuidhnean poblach agus bhon roinn phrìobhaid­ich gus cuideachad­h le bhith gan lìbhrigead­h, agus tha sinn taingeil cuideachd gum bheil an Riaghaltas mothachail air a chuid dleastanai­s a thaobh na Gàidhlig agus a dualchas.

THANK YOU LOCHABER for an excellent National Mòd. Thanks also to all who worked so hard to make it happen, and to sponsors whose support funded it.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom