Beachd Ailein
SIUD MÒD EILE SEACHAD mathà, agus bha e fìor mhath.
Meal-a- naidheachd air buill na Comataidh Eagrachaidh Ionadail a chuir cùisean air dòigh cho ealanta, agus leithid eile air muinntir Loch Abair airson an cuid aoigheachd fhialaidh dìreach mar a bha sinn a’ sùileachadh. Fhuair sinn mòran mar a bhiodh dùil againn agus fhuair sinn cuideachd, saoilidh mise, beagan a bharrachd misneachaidh na bha san amharc. Thàinig a’ mhisneachadh sin à caochladh àitean, eadar àireamh nam farpaiseach a ghabh pàirt, ìre na fileantachd a chualas, agus ìre aithne na coimhearsnachd air na bha a’ tachairt a thaobh dualchais a bhuineadh dhaibhsan. Thug latha de chur iomain air a lìbhrigeadh an ìre mhath air fad tro mheadhan Gàidhlig is Gaeilge togail air leth, a dh’aindeoin uisge is gaoth.
Gun teagamh bha buannachd dha sgiobaidhean oigridh agus dheugairean Alba na chuideachadh, agus ged a chaill sgioba nan nigheanan cha b’ e nàrachadh sam bith a bha sin an aghaidh chaileagan làidir ealanta Èirinn a Tuath.
Ach na mo bheachd pearsanta, bha na chualas bho Iar Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, aig fosgladh a’ Mhòid, na bhrosnachadh àraid nuair a thuirt e gun robh esan a’ cur làn-thaic ri leasachadh na Gàidhlig agus gun dèanadh e a h-uile dad is urrainn gus an iomairt sin a chuideachadh air adhart.
Gun teagamh ‘s e gnìomh a dhearbhas ach tha mi a’ creidsinn gum bheil Mgr Swinney a’ ciallachadh na thuirt e, agus nuair a chuirear sin an lùib na taice thar-phàrtaidh a tha ga ghealltainn, tha fhios gur e adhbhar misneachaidh a tha an sin.
Nam òraid fhìn aig an fhosgladh bha mi a’ moladh gun d’ rachadh am Mòd Nàiseanta Rìoghail, agus na Mòdan Ionadail, aithneachadh mar phàirt chudromach den daineamaig a tha a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig feadh na dùthcha. Tha obair-deasachaidh nam Mòdan a’ dol fad na bliadhna, agus theagamh gum bheil mòran dhaoine nach eil mothachail gun robh, mar eisimpleir, air a’ bhliadhna seo a dh’fhalbh, deasachadh a’ dol ma choinneimh cheithir Mhòdan Nàiseanta a bharrachd air sia deug Mhòdan Ionadail. Gun teagamh tha na Mòdan uile nam fianais air saothair shaor-thoileach mhìltean de shluagh feadh na dùthcha, an dà chuid mar fharpaisich agus luchd-taice, agus tha na Mòdan sin cuideachd, mar eisimpleir, a’ brosnachadh cheudan gus pàirt a ghabhail ann an còisirean Gàidhlig a tha gan sònrachadh fhèin a thaobh ealantas ciùil. Ach mar a dh’èirich leis a h-uile tachartas, tha feum aig Mòdan air maoineachadh cuideachd agus às aonais taic airgid cha ghabhadh an cur air adhart, agus tha e iomchaidh dhuinn a bhith taingeil airson taic airgid bhuidhnean poblach agus bhon roinn phrìobhaidich gus cuideachadh le bhith gan lìbhrigeadh, agus tha sinn taingeil cuideachd gum bheil an Riaghaltas mothachail air a chuid dleastanais a thaobh na Gàidhlig agus a dualchas.
THANK YOU LOCHABER for an excellent National Mòd. Thanks also to all who worked so hard to make it happen, and to sponsors whose support funded it.