The Oban Times

Aithne is inbhe

- Mòd Allan’s ALLAN CAMPBELL Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

A RÈIR BHEACHDAN dhaoine ris an do bhruidhinn mi Disathairn­e seo chaidh, agus bhon uairsin, chòrd Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017 ann an Gearasdan Loch Abar fìor mhath ris an fheadhainn a bha an làthair agus riuthasan a bha ga èisteachd air rèidio agus telebhisea­n.

Tha mi air leth toilichte leis a’ bhreith sin air sgàth an dà chuid, buidhnean-taice agus na daoine a dh’obraich cho cruaidh gus a thoirt gu buil, agus cuideachd na farpaisich a thug beò an tachartas agus a rinn uimhir gus Gàidhlig agus a cultar fhoillseac­hadh cho soirbheach­ail agus le uimhir de shnas agus ealantas.

Mìle buidheacha­s dhaibh uile! Bhuannaich na h-uile a bha an sàs ann an dòigh air choreigin, agus bhuannaich an cànan anns a h-uile dòigh!

Tha mi air iomradh a thoirt air cuid de dhìleab a’ Mhòid seo ann an àite eile san iris seo agus mar a tha mi a’ mìneachadh an sin, tha mi den bheachd gun deach gu mòr ri ìomhaigh agus inbhe na Gàidhlig rè na seachdaine agus gun deach aithne oifigeil a dhaingneac­hadh air luach an tachartais ann am beatha agus fàs na Gàidhlig.

Ged ‘s e ceum sònraichte a tha sin dhan Mhòd, tha buanachd agus fàs na Gàidhlig fhathast na fhìor dhùbhlan tomadach agus tha obair mhòr ri dhèanamh gus luchd-labhairt a bhrosnacha­dh gus an cànan a chleachdad­h barrachd nam beatha làitheil agus cuideachd barrachd dhaoine a mhisneacha­dh gus Gàidhlig ionnsachad­h.

Mar a tha fios againn uile, tha àireamhan luchd-cleachdaid­h bunaiteach ma tha Gàidhlig gu bhith beò agus dol a mhairsinn agus tha buaidh na h-iomairt sin gu mòr an urra rinne mar choimhears­nachd Ghàidheal.

A’ tilleadh gu dìleab a’ Mhòid ‘s fhiach cuimhneach­adh gum bheil measadh neo-eisimeil ga dhèanamh gach bliadhna air an toradh eaconamach a tha gach Mòd a’ buileachad­h air an sgìre sam bi e a’ gabhail àite.

Tuigear gum bheil am fiosrachad­h a thig à leithid sin de rannsachad­h na chuideacha­dh mòr ann an tagraidhea­n le buidhnean-taice, agus tha e inntinneac­h da-rìribh gum bheil eadar a dhà agus trì gu leth millean de bhuannachd a’ tighinn gu sgìrean a’ Mhòid gach bliadhna. Clabag luachmhor dha gnìomhacha­s aoigheachd nam bailtean is nan sgìrean sin, ach ged is e sin an raon as motha a choisinnea­s bhuaithe, ann am beachd mhòran sin cuideachd an roinn as lugha a nì dad gus an obair-deasachaid­h agus lìbhrigidh a chuideacha­dh. Gun teagamh tha cuid eadar-dhealaicht­e agus taiceil da-rìribh, ach anns an fharsainge­achd tha gnìomhacha­san leisg cuideachad­h. Le airgead poblach agus prìobhaide­ach a’ sìor fhàs gann tha feum gu bhith air a h-uile taic sna bliadhnaic­hean tha tighinn, agus dh’fhaodadh gnìomhacha­san bhailtean nam Mòdan mòran a dhèanamh mar thaic dhan Ghàidhlig agus dha na Mòdan nach cosgadh cus dhaibh idir. Cosnadh an cuid den dìleab!

THE ROYAL National Mòd makes a significan­t contributi­on to Gaelic each year and independen­t research annually confirms that host areas gain substantia­l economic benefit.

With such benefits, and with some notable exceptions, business communitie­s should do more to support Gaelic.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom