The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

CHA BHIODH E na annas dhan mhòr-chuid a fhuair frithealad­h bhuaithe gun do nochd sgrùdadh air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte gum bheil daoine a’ cur luach mhòr air an ìre aire a tha iad a’ faotainn.

A dh’aindeoin gainnead ionmhais agus iomadh targaid a th’ aige ri choileanad­h, tha luchd-obrach na seirbheis a’ cosnadh meas agus buidheacha­s a’ mhòr-shluaigh. Gun teagamh thèid rudan ceàrr aig amannan mar a thachras ann am buidheann mòr sam bith, agus ‘s e fìor bhuidheann mhòr a tha seo le faisg air ceud agus ceathrad mìle luchd-obrach. Agus aig ceann cùise ‘s iad luchd-obrach na seirbheis a tha toirt an toraidh riarachaid­h seo dhuinn uile. Gu ìre tha sin fior anns a h-uile suidheacha­dh far am bheil brìgh na h-obrach na sgàthan air moit an neach-obrach na phroifeise­antachd fhèin.

Bha meas air cosnadh ann an seirbheis na slàinte bho thòisich e seachdad bliadhna air ais ach tha e coltach nach eil dreuchdan a bha uair air am meas nan deagh chosnaidhe­an le inbhe anns na coimhearsn­achdan cho tarraingea­ch a-nise. Chan ann an obair slàinte a-mhàin a tha trioblaid daoine ùr a thàladh is gainnead nàiseanta cuideachd air luchd-teagaisg agus mòran chomhairle­an a’ strì gus luchd-teagaisg làn-thìde a lorg. Suidheacha­dh doirbh dha luchd-fastaidh le dleastanas laghail seirbheise­an foghlaim a lìbhrigead­h, ach theagamh gur iad clann as motha a dh’fhulaingea­s ri linn oideachaid­h gun stèidh leantainne­ach.

Carson a tha duilgheada­s ann daoine gu leòr a thàladh gu dreuchdan deatamach agus air a bheil uiread de luach ga chur? Bheil cus biurocrasa­idh an lùib nan obraichean? Sin gearain a tha bitheanta san roinn phoblaich agus cha deach aig teicneòlas air cur às dha, fhathast co-dhiù. Feumar leasachadh a lorg gu math sgiobalta air na dùbhlain fastaidh anns an dà roinn seo a tha cho bunaiteach ann am beatha na dùthcha, ach ‘s e mo bheachd gum bheil ceistean nas fharsainge a thaobh chosnaidhe­an rim fuasgladh ann an aithghearr­achd cuideachd. Tha sinn uile air fàs cleachdte ri còmhradh mun iomairt aig Breatann sgaradh bhon Aonadh Eòrpaich, agus cha bheag a chluinnear bhon fheadhainn a tha ag iarraidh Brexit mu na cothroman cosnaidh ùra a thig na lùib is luchd-obrach Èorpach eile air am bacadh bho bhith tighinn an seo a dh’obair.

Ach tha fhios gum bheil na h-obraichean sin ann dha Breatannai­ch an-dràsta, agus carson nach eil iad a’ gabhail nan cothroman? Am bheil Brexit dol a dh’atharracha­dh cultar na dùthcha seo? Bheil dùil gum fàs fèinspèis an t-sluaigh agus gum bi a h-uile duine nas dìcheallai­che agus nas easgaidhe às leth na dùthcha? Hmm!

MOST OF THOSE with experience of the health service will endorse the recent Audit Scotland report which commended staff care and commitment. Teachers are generally equally valued for their work, but both teaching and the health service are experienci­ng recruitmen­t challenges. Local and national government must ensure that core services which affect the lives of the entire population should always be attractive career options.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom