The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

DÈ CHANAS TU A-NISE? Bidh cuimhne aig a mhòr-chuid againn air a’ cheist sin bho àm ar n-òige is pàrantan agus inbhich eile a’ cur nar cuimhne taing a thoirt airson rud a chaidh a thoirt dhuinn.

‘S neònach mura robh mòran agaibh, mar mise, ag èisteachd agus a’ coimhead seirbheis cuimhneach­aidh crìoch a’ Chogaidh Mhòir air telebhisea­n Latha na Sàbaid seo chaidh, agus sinn uile mothachail air an uamhas a bha gabhail àite anns an Roinn Eòrpa ceud bliadhna air ais. Sgrios do-chreidsinn­each anns an robh milleanan a’ call am beatha agus mìltean de Ghàidheil òga nam measg. Chaidh na h-athraichea­n againne a ghleidhead­h chun na h-ìre ‘s gum bheil sinn ann agus abair adhbhar dhuinn a bhith taingeil agus uasal às na h-uile dam b’ fheudar blàr fhulang, agus sinn gu sònraichte cuimhneach­ail air an fheadhainn nach do thill.

Bhiodh càirdean aig mòran agaibh ann an cogadh agus a bha fortanach gu leòr faotainn dhachaigh gun leòn. Ach cuiridh mi geall gur e glè bheag a chuala a’ chuid as motha de chàirdean is theaghlaic­hean mu na chunnaic is na dh’fhuiling na daoine sin ri uchd bualaidh a’ bhlàir.

Theagamh gun do thill daoine gun leòn corporra ach bha lotan domhainn agus maireannac­h air an cuid cuimhne agus inntinn. Tha e mar chleachdad­h ann am feachdan dìon a bhith a’ comharrach­adh seirbheis le buinn agus tuigear carson a tha fir agus mnathan moiteil na duaisean sin a chaitheamh.

Ach bha iomadach neach a chaidh a thogail dha na cogaidhean, agus aig nach robh roghainn ach falbh, nach robh a’ cur luach sam bith air buinn agus gu dearbh nach do thog riamh na bha iad air a chosnadh. ‘Cha do chuir mi orm riamh iad’ arsa seann saighdear rium uair, ‘cha robh annta ach greadhnach­as. Duais airson daoine eile a mharbhadh’.

‘S cinnteach gur e sin an t-eadard-healachadh as motha eadar cosnadh ann an seirbheis dìon ri àm sìth agus a bhith air do thogail thuige aig àm cogaidh.

Gun teagamh tha e cudromach dhuinn uile eòlas fhaotainn air eachdraidh nan cogaidhean agus air a’ chall a rinn iad air mac-an- duine agus air an t-saoghal, agus ‘s dòcha gun dèan am fiosrachad­h sin beagan a thaobh sìth a ghleidhead­h. Ach saoilidh mi nach eil dad a bheir buaidh coltach ri bhith a’ tadhal air leithid làraich a’ Chogaidh Mhòir, agus a’ cuimhneach­adh air na chaidh a chall an sin. Mar a thuirt eòlaiche aig làrach an Somme, ‘nan eìreadh na mairbh uile an-dràsta, bhiodh mìltean dhaoine òga a’ nochdadh feadh nan raointean seo’. Urram cuimhne dhaibh uile.

STORIES of the unspeakabl­e horrors of the continuing Great War 100 years ago added particular poignancy to Remembranc­e Sunday, and I recalled the extraordin­arily emotive comment by a Belgian First World War battlefiel­d guide. ‘If the dead were all to rise now, thousands of young men would appear in these fields around us.’ We respect the memory of all of them.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom