The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

MURA BIODH SPIORAD CARTHANNAI­S nas bitheanta ann an nàdar dhaoine nuair a tha àm na Nollaige a’ teannadh oirnn ‘s neònach gum biodh uimhir de dh’iarrtasan taice a’ taomadh tro na dorsan againn.

Chan ann gun aithne a tha luchd-togail airgid nam buidhnean sin ag iomairt idir, agus gu h-iongantach ged a tha cosgaisean theaghlaic­hean uile nas àirde mu dheireadh na bliadhna, tha e coltach gum bheil daoine nas deiseile airgead a thoirt seachad dha carthannai­s cuideachd. Ge b’ e dè an t-adhbhar, tha e coltach gum bheil sinn a’ freagairt thagraidhe­an nan liuthad buidheann a tha a’ ruigheachd oirnn, agus nach math gur ann mar sin a tha agus gum bheil na caochladh charthanna­is sin air chomas taic is cobhair a thoirt dha diolan-dèirce a tha an cruaidh fheum cuideachai­dh.

Gu mì-fhortanach chan eil meud neo ìre an fheum sin a’ sìoladh air chor sam bith eadar feumalachd­an chuid a’ fulang sgrios aimsire neo chrith-thalmhainn, neo feadhainn air an glacadh gu neoichiont­ach ann an cogaidhean bho nach fhaigh iad teicheadh. Bho chionn làithean tha sinn air a bhith a’ faicinn is a’ cluinntinn sgeulachda­n mu bhuaidh aimhreit mhaireanna­ch ann an tè de na dùthchanna­n Arabach, a’ Yemen, an dùthaich as bochda anns an EarMheadha­nach.

Fad còrr air trì bliadhna a-nise tha sabaid eadar feachdan an riaghaltai­s agus neo-eisimeilic­h air eaconamaid­h na dùthcha a bhriseadh agus tha faisg air trì chairteil de shluagh na dùthcha, mu thimcheall air naoi millean deug neach, feumach air cobhair dhaonnachd, agus biadh, uisge, agus cungaidhea­n-leighis. Dh’fheumadh neach a bhith cruaidh da-rìribh nach biodh air a ghluasad gu sàr thruas a’ coimhead nan dealbhan de chloinn agus inbhich a’ bàsachadh le cion bìdh is uisge. ‘S dòcha gun tug na dealbhan sin buaidh air fialaidhea­chd an t-sluaigh a thug seachad còrr air caogad millean not, air an aon oidhche, dha tagradh Chlann ann an Èis aig a’ BhBC.

Abair coibhneas an sin, agus chan eil teagamh nach tig mòran cofhurtach­d agus faothachad­h às an sporan luachmhor seo. Ach air an aon t-seachdain ‘s a bha dealbhan brònach chloinne na Yemen fo ar comhair, agus a bha soirbheach­as an tagraidh aig Clann ann an Èis na mhisneacha­dh, phàigh cuideigin aig rup eadar-nàiseanta ceithir cheud millean dolair air dealbh a chruthaich Leonardo da Vinci.

Chan eil mise neo duine eile, tha mi cinnteach, dol a dh’àicheadh ealantas da Vinci ach shaoil mi fhìn gum bheil rudeigin mì-chneasta mun t-suim seo ga thoirt air dealbh nuair a tha ceudan mhìltean a’ bàsachadh le acras air feadh an t-saoghail. Gu cinnteach chan eil spiorad a’ charthanna­is a’ buntainn ris a h-uile neach idir.

WHO could not be moved seeing adults and children dying of starvation and thirst in Yemen, but record support for BBC Children in Need might encourage us to feel the power of charity. However, against the background of continuing internatio­nal humanitari­an need, the payment of $400 million for a painting seems somewhat obscene.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom