The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul ailean@obantimes.co.uk

‘S FHEÀRR A BHITH a dhìth a’ chinn na dhìth an fhasain! Tha mi a’ creidsinn gur ann gu sònraichte a’ buntainn ri èideadh a tha an seanfhacal seo, ach ‘s fhiach faighneach­d dè th’ ann am fasan. Ann am mòran shuidheach­aidhean chan eil ann ach cleachdadh, agus math na dona e, aon uair ‘s gum bheil àireamh àraid ris tha e “fasanta”. Ach glè thric cha do dh’fhàg sin ceart neo ciallach e!

Bho chionn greise a-nise tha deasbad a’ dol a thaobh a’ chroin a dh’fhaodadh luchd-spòrs a bhith a’ fulang ri linn bhuillean dhan cuid cheann, gu h-àraid an fheadhainn a tha ri sabaid-dhòrn agus cluicheada­irean bhall-coise a bhios a’ cur an cinn ris a’ bhall.

Ged a tha mòran luchd-eòlais slàinte den bheachd gum bheil buillean den t-seòrsa seo a’ dèanamh damaiste air eanchainn nam feadhna a tha ris, chan eil làn-dhearbhadh ann fhathast agus tha cuid a tha an sàs anns na cleasan sin gu proifeisea­nta nach eil idir a’ gabhail ris.

Le ceangal a-nise ga dhèanamh eadar buaidh leithid seo de bhuillean thar ùine agus seargadh-inntinne, tha obair- rannsachai­dh air tòiseachad­h gus a’ chùis a dhearbhadh taobh seach taobh. Saoilidh mi fhìn gum bheil fiù ’s amharas a thaobh an dochainn a dh’fhaodadh seo a bhith ag adhbharach­adh na rabhadh gu leòr dha spòrs anns an fharsainge­achd barrachd faicill a ghabhail a thaobh a bhith a’ dìon chluichead­airean bho bhuillean mun cheann.

Gun teagamh cluinnear cuid ag argamaid gun cailleadh ball-coise tòrr de chuid ealantais nan robhar dol a stad buillean-cinn, ach air an làimh eile ma tha leithid a ghluasad dol a ghleidhead­h slàinte chluichead­airean agus dol a chaomhnadh dha seirbheis slàinte, tha fhios gun fhiach beachdacha­dh air.

Chaidh oidhirp a dhèanamh ann an iomain bho chionn bhliadhnai­chean gus cluicheada­irean òga a bhrosnacha­dh gus clogadan a chleachdad­h. B’ e a’ bharail a bh’ ann gun leanadh am fasan bhon òigridh gu sgiobaidhe­an nan inbheach, ach cha do shoirbhich leis an amas gu tur idir agus chan eil ach beagan de chluichead­airean iomain a’ dìon an cinn. Ach tha cuid de shàr chleasaich­ean ga dhèanamh, agus a’ dearbhadh nach eil clogad a’ cur casg sam bith air an cuid cluiche.

Ghabh mi iongnadh nuair a chuala mi gun robh riochdaire­an bho bhuidheann nàiseanta rothaireac­hd air bruidhinn a-mach an aghaidh beachd gum bu chòir dhan lagh clogadan agus èideadh soilleir iarraidh dha luchd-baidhsagal.

Chan aithne dhomhsa dràibhear nach aontaichea­dh gu tur le sin, agus gum feumadh iad solais a bhith aca air an oidhche cuideachd! Nach annasach ma-thà, riochdaire­an nàiseanta rothaireac­hd a bhith ag argamaid an aghaidh dìon den t-seòrsa, agus fiù ‘s aon neach ag ràdh nach eil dearbhadh ann gum bheil clogadan a’ dèanamh uimhir sin de dh’fheum dha luchd-cleachdaid­h bhaidhsaga­l! Dìth cèille saoilidh mise!

ANY POSSIBILIT­Y of a link between regular blows to the head in some sports and dementia should be enough to encourage change, prevent illness, and save future health service budgets.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom