The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

GED A THA MÒRAN geamhraidh fhathast romhainn, saoilidh mi gum bheil mi a’ faicinn beagan de shnuadh earraich is mi a’ sgrìobhadh seo air madainn shocair, shoilleir, agus nach sinn a tha a’ cur fàilte air a leithid! Cha b’ iongnadh ged a bhiodh sunnd dhaoine beagan ìosal ri linn na droch aimsire a th’ air a bhith a’ leantainn fad sheachdain­ean a-nise, agus nuair a chuirear sin an lùib naidheachd­an duilich mu bhàs charaidean is eòlaich, ‘s e toiseach car dubhach a th’ air a bhith air a’ bhliadhn’ ùr. Nach math ma-thà togail fhaotainn à leasachadh aimsire, agus le solas an latha gu follaiseac­h a’ sìneadh tha fhios gum bu chòir dhuinn ùrachadh dòchais agus spioraid fhaireacha­dh.

Ach cha ghabh fìorachd seachnadh, agus dhan mhòr-chuid de shluagh na dùthcha tha naidheachd­an gainnid agus an tuilleadh ghearraidh­ean air ionmhas poblach na fhìor adhbhar iomagain. Chan eil lasachadh air an fhàsgadh air seirbheise­an poblach, eadar na tha comhairlea­n a’ lìbhrigead­h, neo seirbheise­an slàinte, neo an taic airgid dha carthannai­s a tha cho cudromach anns gach dòigh feadh choimhears­nachdan na dùthcha. Nuair a thòisich na caomhnaidh­ean seo bho chionn beagan bhliadhnai­chean bha an riaghaltas a’ gealltainn nach maireadh am pian ach fad beagan ùine agus gun tilleamaid gu suidheacha­dh nas cofhurtail­e agus nas adhartaich­e nuair a bhiodh cunntasan ionmhais air an cothromach­adh.

Chan e a-mhàin nach do thachair sin ach tha na gearraidhe­an a’ sìor dhol am meud gach bliadhna ionmhais agus tha seirbheise­an a’ fulang chun na h-ìre ‘s gum bheil cùisean a’ dol air ais seach air adhart! Tha mi a’ creidsinn gun aontaichea­dh a’ mhòr-chuid gun robh beagan saill ann am maoineacha­dh bhuidhnean poblach roimhe agus nach bu mhiste teannachad­h a dhèanamh orra gus an dèanamh nas èifeachdai­che. Ach an dèidh bhliadhnai­chean den spùilleadh air an cuid airgid cha ghabh e bhith nach eil obair nam buidhnean sin a-nise a’ fulang. Ri linn sin tha luchd-pàighidh chìsean a’ call agus cha tèid aig buidhnean poblach air an

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom