The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk .

THIG FÌOR À FANAID their an seanfhacal, agus nach minig a chithear rudan an-diugh a bha sinne nar cloinn a’ leughadh mar uirsgeulan ann an comaig!

Ged nach biodh ann ach an comas a th’ againn bruidhinn ri chèile air fònaichean-làimhe, agus ‘s tric a bhios mi a’ smaoineach­adh air dè shaoileadh ginealach mo sheanar mu leithid sin de ghoireas. Faisg air ceathrad is ochd bliadhna bho choisich Niall Armstrong air a’ ghealaich tha sinn a-nise a’ faicinn chàraichea­n is làraidhean a’ siubhal fo smachd choimpiuta­irean.

Ach ‘s dòcha gur e an gluasad as inntinnich­e, neo as iargalta, an t-adhartas a th’ air tighinn le sìol planntrais gin-atharraich­te agus mar a tha sin air gluasad tro rannsachad­h ainmhidhea­ch gu obair ginteil daonna. Leis na bheil ann de dhearbhadh air sgeulachda­n ficseanail a’ tighinn gu fìorachd, cha leigeamaid a leas iongnadh a ghabhail à aithrisean a tha a-nise a’ nochdadh gum bi tomhas mhòr de dh’obraichean an t-saoghail gan coileanadh le ròbot taobh a-staigh ùine nach bi fada.

Dha mòran luchd-fastaidh ‘s e fìor dheagh naidheachd a bhios an seo le dealbh a’ nochdadh de sgioba-obrach a dh’fhaodar a chumail an sàs gun lasachadh, na tràillean as fheàrr a chunnacas riamh! Agus leis gum bi iad gun bheatha chan fheumar tuarastala­n neo cìsean de sheòrsa sam bith a phàigheadh às an leth, am feum? Uill, ‘s neònach mura cruthaich riaghaltas­an cìsean ùra air an leithid, oir saoilidh mi gun lean feumalachd air an ionmhas a tha ga thogail à cosnaidhea­n mar a tha iad an-dràsta.

Air aon sealladh, tha dòchas air leasachadh mòr eaconamach à leithid seo de dh’adhartas, far am biodh cruthachad­h bathair mòran na bu shaoire às aonais chosgaisea­n thuarastal­an chosnaich agus nan cìsean a bhiodh nan lùib sin. ‘S dòcha, ri linn an fhàis anns an eaconamaid­h gum biodh teachd-a- steach an riaghaltai­s tro chìsean gnìomhacha­is cho buannachda­il is nach biodh buaidh mhòr sam bith aig an lughdachad­h a thigeadh air cothroman cosnaidh dhan mhòr-shluaigh, agus gum faodadh daoine a bhith a’ dol air chluaineas sa mheadhan-aois!

Gun teagamh tuigear nach dèan ròbot a h-uile càil. Neo an dèan? Tha fhios nach eil a’ cuingealac­hadh chomasan nan innealan sin ach ìre sgilean nam feadhna a tha gan cruthachad­h, agus le aire air na th’ air tachairt gu ruige seo fhèin cò aige tha fios càite am faodadh cùisean ruigheachd. Leis nach bi iad a’ faireachad­h pian neo tàmailt, an tig latha far am bi sinn fo riaghladh ròbotan nach bi air chomas ach math a dhèanamh?

An e sin an aon slighe gus cur às do bhochdainn agus aimhreit an t-saoghail?

CONSIDERIN­G mankind’s extraordin­ary scientific and technologi­cal advances in the past century, the concept of a substantia­l proportion of all labour being undertaken by robots is credible.

Extremely attractive prospects for employers whose ‘workers’ would require neither wage nor rest. Will it take emotionles­s robots, capable of only doing good, to eradicate poverty and establish world peace?

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom