The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

NÌ AMADAN SAM BITH buaireadh ach ’s e duine glic a nì sìth!

Saoilidh mi gum bheil an abairt sin a bhiodh cho bitheanta aig mo sheanair cho fìor an-diugh ‘s a bha i riamh, agus tha i tric nam inntinn is mi ag èisteachd le iomagain ri buamastair­eachd Dhòmhnaill Trump agus Kim Jong-un a’ bagairt air a chèile mar dhà dhamh aig àm dàrach. Bhiodh an dealbh èibhinn mura b’ e an cumhachd a th’ aig an dithis sin mar cheannarda­n dhùthchann­an a dh’fhaodadh cogadh a ghairm agus an saoghal as aithne dhuinn a sgrios.

‘S e mo bheachd gum bheil dà sheanfhaca­l a bhiodh iomchaidh mar stiùir dhan leithid. Gheibh sìth sìth, ach gheibh caise cothachadh. Nuair as lugha naidheachd ‘s ann as motha an t-sìth!

Chan eil teagamh nach eil cumhachd a’ dol gu cinn chuid de luchd-riaghlaidh, agus poilitigs, agus aig amannan bidh iad a’ dìochuimhn­eachadh nan geallaidhe­an a thug dhan dreuchd iad agus na dleastanas­an a th’ aca dhan cuid sluaigh gu lèir. Chan eil mi idir ag àicheadh an fheum a th’ aig dùthchanna­n fa leth air feachdan dìon a ghleidhead­h, oir tha eachdraidh agus seanfhacal eile a’ toirt dearbhadh gu leòr dhuinn air gliocas deisealach­adh den t-seòrsa. Am fear nach glèidh na h-airm san t-sìth, cha bhi iad aige ‘n àm a’ chogaidh.

Nuair a thig e gu sìth a ghleidhead­h agus cogadh a sheachnadh tha feum air fìor ghleustach­d dhioplòmas­ach agus feumaidh eòlaichean a thèid an sàs ann an leithid de chòmhraidh­ean eadar-mheadhanac­h an cuid bheachdan pearsanta air eachdraidh is dol-a- mach gach taobh a chur an dàrna taobh is iad a’ feuchainn ri rèite a steidheach­adh. Ge b’ e dè cho èalaidheac­h ‘s a dh’fhaodadh e bhith, gabhaidh aonta a ruigheachd, agus bidh cuimhne aig mòran air còrdaidhea­n eachdraidh­eil mar Phrìomhair­e Israeal Yitzhak Rabin a’ crathadh làimhe le Yasser Arafat, ceannard a’ PhLO, aig an Taigh Gheal ann an Washington ann an 1993.

Ged a tha cuid den bheachd gur e beul brèagha gun bhrìgh a bh’ anns

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom