The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

THAR NAM BLIADHNAIC­HEAN fhad ‘s a tha mi air a bhith a’ sgrìobhadh a’ chuilbh seo tha mi air tarraing a thoirt bho àm gu àm air laghan casg astair air rathaidean na dùthcha, agus an-dràsta ‘s a-rithist tha mi air na riaghailte­an sin a chàineadh.

Chan eil mi idir ag àicheadh a’ chunnairt a tha an lùib cus astair is cha mhotha na sin a tha mi a’ gabhail leisgeul nan amadan a bhios gan cur fhèin agus dhaoine eile an cunnart am beatha.

Ach tha dà phrìomh argamaid a bhios gam leamhachad­h. An toiseach an ìre ‘s gum bheil uile thrioblaid­ean rathaidean na dùthcha gan “leasachadh” le casg astair, agus anns an dàrna h-àite nach fhaicear peanasacha­dh air luchd-siubhail a bhios a’ cur maille air càch gu ìre ‘s gum feum iad sin gluasadan cunnartach a dhèanamh gus faotainn air adhart.

‘S e dleastanas an lagha leigeil le sluagh na dùthcha siubhal cho luath agus cho sàbhailte ‘s a ghabhas agus chan eil mi a’ creidsinn gum bheil casg astair cruaidh air prìomh rathaidean, a chaidh a dhealbh gus siubhal luath a cheadachad­h, a’ coileanadh an amais sin.

Ged a tha argamaidea­n cuideachd ann a thaobh lughdachai­dh air truaillead­h na h-àrainneach­d, tha a’ mhòr-chuid de dh’einnseanan an-diugh air an togail air dhòigh a leigeas leotha siubhal nas luaithe gun mhòran cron a bharrachd adhbharach­adh.

Bidh an fheadhainn agaibh a tha a’ fuireach ann am bailtean mòra mothachail gum bheil a- nise casg astair fichead mìle san uair ga chur air barrachd shràidean annta sin, codhùnaidh­ean a th’ air am bonntachad­h sa mhòr-chuid air sàbhailtea­chd.

‘S dòcha gum bheil an fheallsana­chd sin ceart ach tha ceist daonnan mun ìre feart a tha leithid de lagh a’ faotainn agus comas poileas a chur an gnìomh.

Saoilidh mi gur e seo fear de na suidheacha­idhean sin agus a rèir m’ fhianais fhìn chan eil cus spèis ga thoirt dhan astar cheadaicht­e air na sràidean sin, agus tha mi den bheachd gum feum dràibhear a bhith buileach mì-chiallach neo mì- fhortanach ma thèid a ghlacadh.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom