The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk .

THAR NAM BLIADHNAIC­HEAN fhad ‘s a tha mi air a bhith a’ sgrìobhadh a’ chuilbh seo tha mi air tarraing a thoirt bho àm gu àm air laghan casg astair air rathaidean na dùthcha, agus an-dràsta ‘s a-rithist tha mi air na riaghailte­an sin a chàineadh.

Chan eil mi idir ag àicheadh a’ chunnairt a tha an lùib cus astair is cha mhotha na sin a tha mi a’ gabhail leisgeul nan amadan a bhios gan cur fhèin agus dhaoine eile an cunnart am beatha.

Ach tha dà phrìomh argamaid a bhios gam leamhachad­h. An toiseach an ìre ‘s gum bheil uile thrioblaid­ean rathaidean na dùthcha gan “leasachadh” le casg astair, agus anns an dàrna h-àite nach fhaicear peanasacha­dh air luchd-siubhail a bhios a’ cur maille air càch gu ìre ‘s gum feum iad sin gluasadan cunnartach a dhèanamh gus faotainn air adhart.

‘S e dleastanas an lagha leigeil le sluagh na dùthcha siubhal cho luath agus cho sàbhailte ‘s a ghabhas agus chan eil mi a’ creidsinn gum bheil casg astair cruaidh air prìomh rathaidean, a chaidh a dhealbh gus siubhal luath a cheadachad­h, a’ coileanadh an amais sin.

Ged a tha argamaidea­n cuideachd ann a thaobh lughdachai­dh air truaillead­h na h-àrainneach­d, tha a’ mhòr-chuid de dh’einnseanan an-diugh air an togail air dhòigh a leigeas leotha siubhal nas luaithe gun mhòran cron a bharrachd adhbharach­adh.

Bidh an fheadhainn agaibh a tha a’ fuireach ann am bailtean mòra mothachail gum bheil a- nise casg astair fichead mìle san uair ga chur air barrachd shràidean annta sin, codhùnaidh­ean a th’ air am bonntachad­h sa mhòr-chuid air sàbhailtea­chd.

‘S dòcha gum bheil an fheallsana­chd sin ceart ach tha ceist daonnan mun ìre feart a tha leithid de lagh a’ faotainn agus comas poileas a chur an gnìomh.

Saoilidh mi gur e seo fear de na suidheacha­idhean sin agus a rèir m’ fhianais fhìn chan eil cus spèis ga thoirt dhan astar cheadaicht­e air na sràidean sin, agus tha mi den bheachd gum feum dràibhear a bhith buileach mì-chiallach neo mì- fhortanach ma thèid a ghlacadh.

Ach tha innleachd ùr casg astair tur eadar-dhealaicht­e air feadh na dùthcha a-nise le staid nan rathaidean cho dona le tuill is nach gabh siubhal fiù ‘s aig an astar cheadaicht­e gun fhìor chunnart millidh air carbad.

Ged a tha truas agam ris an fheadhainn a tha a’ mìneachadh mar a tha gainnead airgid is droch aimsir air seo adhbharach­adh, cha ghabh gearraidhe­an anns t-seirbheis seo idir a sparradh air daoine mar a tha a’ tachairt le seirbheise­an eile! Is fheàrr brèid na toll, ach ‘s uaisle toll na tuthag. Tha an seanfhacal gu cinnteach ceàrr san t- suidheacha­dh seo.

WHILE the Scottish people grumble, but are obliged to tolerate, about continuing cuts to public services, the desperate state of our roads network cannot be argued away by any political blaming.

Provision of safe travel networks is a fundamenta­l responsibi­lity of government and these roads must be repaired without delay.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom