The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk.

FHAD ’S A THA MI a’ sgrìobhadh seo tha lòineagan sneachda a’ tuiteam gu socair ach gu fàbharach chan eil e a’ laighe, an seo co-dhiù, agus saoilidh mi gun d’ fhuair sinn ar leòr dheth air a’ gheamhradh.

Ach ann a bhith ag ràdh sin tha mi a’ cuimhneach­adh air ais air làithean m’ òige air geamhraidh­ean le mòran a bharrachd sneachda, a bha a’ mairsinn fad ùine cuideachd. Cha robh carbadan ach tearc feadh choimhears­nachdan an Eilein Sgitheanai­ch an uairsin agus bha na bh ’ann beag agus aotrom taca ris na h-innealan a th’ againn an-diugh, ged a bha sinne gam faicinn uile mòr agus cumhachdac­h.

Tha mi a’ creidsinn gum biodh cruinn-shneachda gan cleachdadh air prìomh rathaidean ach cha robh leithid sin a’ nochdadh air slighean beaga cumhang dùthchail. Bha bhuil ann, agus nuair a thigeadh cabhadh sneachda cha robh roghainn ach tòiseachad­h air rathaidean a ghlanadh le sluasaidea­n, agus cha bu bheag an t-srì sin far am biodh glè thric citheachan anns an robh troighean de dhoimhneac­hd! Bha prìomhacha­s ga thoirt dha na slighean a dh’fheumadh bus na sgìre, còmhdhail sgoile, am post, agus bhanaichea­n bìdh, gun iomradh air dotairean agus seirbheis èiginn sam bith eile.

‘S iad ‘gillean an rathaid’ a bha an urra ris an dùbhlan a choinneach­adh agus ged a bha gu leòr spòrs ga dhèanamh mu cho beag ‘s a bha iad a’ cur às

an dèidh a’ chuid eile den bhliadhna, chan eil teagamh nach robh iad a’ cosnadh an tuarastail ri àm an t-sneachda. Cha robh guth air sailleadh rathaidean an uairsin, dìreach beagan gainmhche far an robh bruthach, agus cha robh dad air a’ chuid a bu chòmhnarda­iche.

Leis gun robh an sneachda mar sin a’ laighe fad ùine bhiodh a’ mhòr-chuid de na carbadan a’ cleachdadh shèinichea­n air an cuid chuibhlich­ean iomain agus saoilidh mi gum bheil mi fhathast a’ cluinntinn gliongadai­ch shèinichea­n bhan a’ phuist a’ dol seachad.

Ag èisteachd is a’ coimhead naidheachd­an na dùthcha thar na seachdain a chaidh, bha mi a’ cuimhneach­adh cho dìcheallac­h agus cho soirbheach­ail ‘s a bha daoine a’ cuideachad­h càch a chèile. Bidh mi a’ smaoineach­adh gur bochd nach do chuir iad an aon spàirn ann an gleidheadh an cànain is an dualchas, ach theagamh nach robh for aca air an ìre gun robh e a’ crìonadh.

Ach ‘s ann an àm a’ chruadail a dh’aithnichea­r na càirdean, agus nach math gum bheil ceatharnai­ch leithid Gillian Rothach an sàs, agus gur math thèid dhith mar Phrionnsap­al ùr Sabhal Mòr Ostaig.

WHEN fortune frowns, friends become known, says a Gaelic proverb, and this was emphatical­ly confirmed by community spirit during the recent storms. These actions revived strong memories of my Skye childhood, and they also renewed my desire to see more of such effort committed to Gaelic language and culture revitalisa­tion.

Congratula­tions and best wishes to Gaelic champion Dr Gillian Munro, who will take over as the next principal of Sabhal Mor Ostaig in autumn.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom