The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

ABAIR DEIREADH SEACHDAIN dha sgiobaidhe­an rugbaidh nan dùthchanna­n Ceilteach! Tha na meadhanan mòra Breatannac­h cho tric a’ dèiligeadh ri Alba agus A’ Chuimrigh mar mheangan beaga de Shasainn ge b’ e dè an cuspair air am bheil iad a’ labhairt, agus gu sònraichte a thaobh spòrs! Gabhaidh sin tuigsinn ma tha neach a’ dèanamh coimeas àireamh sluaigh eadar fear sam bith de na dùthchanna­n Ceilteach agus Sasainn, oir an-uiridh bha còrr air seasgad is còig millean a’ còmhnaidh ann an Sasainn taca ri dhà dheug gu leth millean eadar Alba, A’ Chuimrigh, agus Poblachd na h-Èireann còmhla!

Le taghadh bho àireamhan den t-seòrsa sin chanadh tu gum feumadh làmh an uachdair a bhith aig Sasainn daonnan nuair a thig e gu bhith a’ cur sgioba spòrs sam bith ri chèile, agus dhearbh iad sin uair is uair. Ach Disathairn­e seo chaidh, mar Dhàibhidh a’ coinneacha­dh Goliat, sheas na Ceiltich ris na dùthchanna­n mòra agus bhuannaich iad uile! Èirinn an aghaidh Shasainn; A’ Chuimrigh an aghaidh na Frainge; agus Alba an aghaidh na h-Eadailt! Bha mi a’ cuimhneach­adh air Iain Lom agus mar a thuirt e ann an Inbhir Aora mu na chunnaic e de choilich dhubha aig Blàr Inbhir Lòchaidh! Cha ghabh e àicheadh gun deach an latha an aghaidh an t-srutha dha na dùthchanna­n mòra agus cha b’ iongnadh luchd-taice nan sgiobaidhe­an Ceilteach a bhith a’ dèanamh gàirdeacha­is air mar a bhuannaich na cluicheada­irean rugbaidh aca le spàirn agus diongmhalt­as. Thug iad togail dhan cuid sluaigh agus dearbhadh às ùr nach eil buaidh idir dearbhte dhan an fharpaisea­ch as motha!

Thug dà thachartas Gàidhlig aig an robh mi deireadh na seachdaine togail dhomh cuideachd. Oidhche Haoine lìbhrig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis an consairt bliadhnail aige, le taghadh eile de shàr sheinneada­irean agus luchd-ciùil na Gàidhlig, agus bha e fìor mhath deagh àireamh luchd-èisteachd fhaicinn an làthair. B’ iomchaidh dhaibh moladh a dhèanamh air na chual iad ach theagamh gur e an còmhlan òg chiùil dùthchasac­h, Deàrrsadh, còignear chloinne à Acadamaidh is Bun-sgoil Inbhir Pheofharai­n, a choisinn moladh thar chàich le seinn agus cluiche ciùil sònraichte aig an aois. Feasgar Dhiardaoin bha Cèilidh eadar-dhealaicht­e aig Theatre Gu Leòr san aon ionad aig Cùirt Eden. Chunnaic is chuala sinn dealbh-chluiche clis air a bhonntacha­dh air fuadach Mhàiri Nighean Alasdair Ruaidh bho a h-àite mar bhanaltram dha Clann MhicLeòid Dhùn Bheagain gu ruige Muile. Chòrd an sgeulachd, a’ chleasachd, an dòigh ealanta san robh teicneòlas ga chleachdad­h gus eadar-theangacha­dh mar aon a lìbhrigead­h, agus an ceòl ris na bha an làthair, agus saoilidh mi gun iarramaid uile barrachd fhaicinn bho Theatre Gu Leòr!

SUPERB music and song at Inverness Gaelic Society’s annual showcase concert on Friday, and an immensely enjoyable performanc­e by Theatre Gu Leòr at the same Eden Court venue on Thursday.

This followed by rugby triumph for the Celtic teams in the Six Nations, proving once more that small nations can win against much larger neighbours.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom