The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

THA MI A’ SGRÌOBHADH SEO air latha ceann-bliadhna shònraicht­e dhomh fhìn, agus tha mi ga sgrìobhadh nas tràithe nan àbhaist air sgàth ‘s gum bheil sinn a’ falbh dhan Eilean Sgitheanac­h airson beagan làithean.

Mar a thachair, tha ar ceann-bliadhna pòsaidh agus ceann-bliadhna ogha dhuinn ann beagan làithean ron cheann-bliadhna agam fhìn agus tha mo cheann na bhrochan eadar gach cuirm is ùpraid a th’ air a bhith dol fad na seachdaine.

Tuigidh sibh gur e làithean toilichte a tha seo dhuinne mar theaghlach. Ach ged a bha an t-seachdain seo cudromach, chan urrainn dhomh gun a bhith a’ beachdacha­dh air an naoidheamh latha fichead den Mhàrt anathbhlia­dhna agus sgaradh oifigeil Bhreatann bhon Aonadh Eòrpaich. Ged a tha luchd-poilitigs air a bhith a’ bleith an cuid theanganna­n mun seo fad ùine mhòr agus na meadhanan naidheachd a’ togail an cuid cheistean is bheachdan fhèin air cùisean, saoilidh mi gum bheil mòr-shluagh na dùthcha gu math mì-shoilleir fhathast mun bhuaidh a bhios aig Brexit air ar beatha làitheil.

Agus tha ceann-latha an dealachaid­h a’ teannadh oirnn glè luath! Gun teagamh tha an gluasad seo dol a chiallacha­dh barrachd dha cuid de ghnìomhach­asan na dùthcha seach feadhainn eile ach saoilidh mi gun toir lùghdachad­h sam bith air teachd-asteach na rìoghachd buaidh, agus gu h-àraidh aig àm far am bheil ionmhas poblach agus maoin leasachaid­h air a bhith cho gann fad bhliadhnai­chean.

Chan eil e gu diofar cò an taobh a sheallas tu feadh nan sgìrean as iomallaich­e den dùthaich chithear rathaidean is goireasan de gach seòrsa nach biodh idir ann às aonais taic ionmhais Eòrpach. Cha b ‘iongnadh mar sin ged a bhiodh iomagain mhòr feadh nan coimhearsn­achdan sin gu sònraichte a thaobh na tha an dàn nuair a sguireas na sruthan ionmhais sin. Fhad ‘s a tha gnìomhacha­s an iasgaich air seachd fadachdan fichead a

ghabhail a’ feitheamh ri leithid seo de sgaradh gus smachd às ùr fhaotainn air a chuid làraich iasgaich tha ceist air leithid gnìomhacha­s an àiteachais ach am bi an Riaghaltas air

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom