The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk.

CHA B’ IONGNADH CO-FHAIREACHA­DH a bhith aig a’ mhòr-chuid ri Ridseard Osborn-Brooks ann an sgìre Hither Green de Lunnainn nuair a chaidh a chur an grèim leis a’ phoileas an dèidh dha dochann a dhèanamh air fear a bh’ air briseadh a-staigh dhan dachaigh aige airson mèirle a dhèanamh.

Bha dithis aca ann, agus a rèir aithris bha sgriubhair­e aig fear a chleachd sin gus maoidheadh air fear an taighe fhad ‘s a bha am mèirleach eile a’ siubhal an taighe. Ged a tha e seachdad ‘s a h-ochd rinn fear an taighe oidhirp air e fhèin agus a dhachaigh a dhìon agus tha e coltach gun deach am fear a bha ga chuingeala­chadh a leòn anns an ùpraid a ghabh àite.

Theich na mèirlich ach thrèig a chompanach am fear a bh’ air a leòn agus chaochail e san ospadal goirid an dèidh làimhe.

Chaidh am fear leis am bheil an dachaigh a chur an grèim fo chasaid murt adhbharach­adh, agus tha e furasta a thuigsinn carson a bhiodh daoine feargach a bhith a’ faicinn “dìon” den t-seòrsa seo ga dhèanamh air mèirleach a bha air cron millteach a chur an gnìomh air dachaigh neach eile.

An dèidh breithneac­haidh tha e coltach nach eil an lagh dol a thoirt casaid sam bith an aghaidh Osborn-Brooks, ach tha an tachartas seo a’ dùsgadh na ceiste às ùr a thaobh ìre nan “còraichean” a tha lagh na dùthcha againne a’ toirt dha feadhainn a tha air eucoir a dhèanamh.

Gun teagamh tha an lagh a’ ceadachadh dha neach sam bith neart reusanta a chleachdad­h gus iad fhèin is an dachaigh a dhìon, ach tha agus bithidh daonnan ceist ann mu dè tha “reusanta” gu bhith a’ ciallachad­h anns gach suidheacha­dh fa leth.

Ma tha dearbhadh ann gun robh am mèirleach a’ teicheadh aig an àm san deach ionnsaigh a thoirt air, tha an lagh dol a pheanasach­adh an neach a rinn sin a dh’aindeoin ‘s ged a bha an t-eucorach air briseadh a-staigh dhan dachaigh gu mì-laghail!

Saoilidh mise gum bheil e nàdarra gu leòr gum biodh an dà chuid eagal agus fearg a’ bualadh neach sam bith a lorgadh cuideigin taobh a-staigh an dachaigh gun chead.

Fearg gun robh ionnsaigh ga thoirt air an cuid tèaraintea­chd agus fìor eagal gun robh iad an cunnart am beatha bho chuideigin a rinn leithid sin de chron. Beagan is dà bhliadhna air ais cho-dhùin an Àrd Chùirt gum faodadh daoine ìre mhì-chothromac­h de neart a chleachdad­h a’ dìon am fàrdaichea­n fhèin agus ‘s neònach mur e seo a chuir stad air cùis an aghaidh Osborn-Brooks.

THERE was understand­able widespread support for Richard Osborn-Brooks following his arrest after a burglar in his home suffered an injury which led to the intruder’s subsequent death.

The fact that no further action will be taken against Osborn-Brooks may be due to a 2016 High Court ruling that residents may now use ‘disproport­ionate’ force to protect themselves in their homes.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom