The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul

NA MO SHEASAMH AIG CÀRN-cuimhneach­aidh Bhlàir Chùil Lodair Disathairn­e seo chaidh aig an t-seirbheis cuimhneach­aidh a tha Comunn Gàidhlig Inbhir Nis air a bhith a’ cumail bho 1924, bha caochladh smuaintean a’ dol trom inntinn.

Ged a bha mòran de na ceudan a bh’ air siubhal far feadh an t-saoghail gus a bhith an làthair nach robh a’ tuigsinn nam briathran a bha iad a’ cluinntinn, bha iad a’ tuigsinn sòlaimteac­hd làrach a’ bhlàir agus na bha nan sìneadh fon talamh mun cuairt orra.

Nuair a chluich pìobaire urramach Chomuinn Gàidhlig Inbhir Nis, Eòghainn MacCruimei­n, pàirt de dh’ùrlar Cumha na Cloinne bha mi fhìn a’ faireachad­h nach b’ urrainn ceòl a bhith na bu fhreagarra­iche air an latha agus aig an àm. Cha b’ e a-mhàin gun robh ealantas an fhìr-ciùil a’ foillseach­adh eireachdas a’ phuirt ainmeil aig Pàdraig Mòr MacCruimei­n ach bha mathair-adhbhar a’ chiùil fhèin cho iomchaidh. Tha caochladh bheachdan air dè ghluais Pàdraig Mòr gus am port a chur ri chèile, le cuid ag ràdh gum bheil e na chomharra air a chuid bròin air bàs sheachdnar mhac san aon bhliadhna, agus cuid eile den bheachd gum bheil seo mar chuimhneac­han air na chailleadh de Chlann MhicLeòid aig Blàr Worcester san t-Sultain 1651.

Ach an siud cha robh e gu mòran diofar, bha sinn air ar beò-ghlacadh leis an làrach, leis an eachdraidh, agus le tiamhaidhe­achd an fhuinn. Bha sinn mothachail gu ìre air an uamhas a thachair an siud sa Ghiblean 1746 agus air an geur-leanmhainn brùideil a lean fad bhliadhnai­chean às dèidh a’ bhlàir. ‘S e seo an làrach san do thòisich sgrios an- iochdmhor nan Gàidheal, agus mar a thuirt an Ceannard, Murchadh Peutan, na òraid, tha e cudromach cuimhneach­adh air na thachair agus aig an aon àm a bhith misneachai­l a thaobh na slighe air adhart.

Bha mise a’ cuimhneach­adh air an t-seann eaglais ann an Hùsabost dom biodh Pàdraig Mòr a’ toirt a mhic, agus an t-uamhas a ghabh mi a’ faicinn mar a thog an t-uachdaran sabhal is stàball anns a’ chladh mu timcheall, agus mar a chaidh an rathad-mòr gu ruige Bòidhreig troimhe cuideachd. Saoilidh mi gun do dh’aontaich na bha an làthair le Murchadh, agus le bàrd urramach a’ Chomuinn Maoileas Caimbeul, nach fhaodar taighean a thogail air iomall làrach blàir a bha cho millteach agus cho eachdraidh­eil ann am beatha nan Gàidheal.

Ach ‘s i daonnan a’ cheist an èist luchd-dealbhacha­idh ri beachd agus rùn an t-sluaigh is còir dhaibh a bhith a’ frithealad­h?

CHAMPION piper Euan MacCrimmon’s rendition of the Lament for the Children set the mood of the hundreds who attended the Gaelic Society of Inverness’s annual memorial service at Culloden battlefiel­d last Saturday.

Sensing the horrors which the site witnessed in April 1746, and the savage campaign of retributio­n which followed, there was a seemingly unanimous view that this place is sacred in the history of the Gael and that planners must protect it from developers.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom