The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

ÀM CUR A’ BHUNTÀTA agus bidh mòran fhathast a’ cleachdadh tractar beag glas agus na h-innealan aig Harry Fearghasda­n a thug a leithid de chothrom dha croitearan.

Bha ginealaich­ean de shluagh na dùthcha seo an urra ris a’ bhuntàta mar phrìomh bheathacha­dh, agus nuair a bhuail an gaiseadh cha b’ iongnadh iad a bhith nan èiginn.

“Bidh sinn beò an dòchas air deagh thoradh” chanadh mo sheanair nuair a rachadh an sìol-cura mu dheireadh dhan talamh agus a chuireadh e am putair air falbh san t-sabhal airson bliadhna eile.

Fhad ‘s a bha an cothrom aige bhiodh Ailean Alasdair a’ slaodadh brùchd bhon chladach ann an cliabh toiseach a’ gheamhraid­h gus a sgaoileadh mar mhathachad­h dhan ghrunnd ma choinneimh cur bhuntàta na-h- ath-bhliadhna.

San earrach bha na bh’ air fhàgail den fheamainn ga ràcadh agus ga losgadh, agus bha an talamh an uairsin air a ruamhar gu cùramach is am buntàta ga chur le putair. Ged a bha sinne a’ cur às dèidh a’ chruinn, an toiseach leis an each agus an uairsin leis an tractar, b’ fheàrr le mo sheanair agus cuid de a chomhaoise­an an t-seann dòigh agus bha sin ag obair glè mhath dhaibh.

Bha rudeigin car sòlaimte mun dòigh san robh iad “beò an dòchas”, bha e cha mhòr mar sheòrsa de dh’ùrnaigh a’ sireadh deagh fhàs air an t-sìol a chuireadh. Bidh mi tric a’ cuimhneach­adh air sin agus cuideachd a liuthad uair a chuala mi daoine ag ràdh nach robh fhios cò bhuaineadh air na chuir iad. Bha mise glè fhortanach nach tàinig gairm orm gu cogadh mar a thachair dha ginealaich­ean m’ athar is mo sheanar, agus gu deimhinne bha iadsan uile “beò an dòchas” tro na h-uamhasan a chunnaic is a dh’fhuiling iad, agus thrèig an dòchas cuid aca.

An dèidh còrr air trì fichead bliadhna de dh’aimhreit is maoidheadh air a chèile nach iongantach an naidheachd gum bheil deàlradh dòchais sìthe air nochdadh ann an Coirea, agus nach b’ iomchaidh dhan t-saoghal a bhith beò an dòchas gun tig aonta mhaireanna­ch. ‘S neònach cuideachd mur a bi mòran a’ cur a’ bhuntàta air an cuid chroitean am-bliadhna is ceist mhòr nan inntinn a thaobh dè tha an dàn dha croitearac­hd a’ leantainn Brexit, ‘s gun ach nas lugha na bliadhna chun an tig an dealachadh aig Breatann leis an Aonadh Eòrpach.

Saoilidh mi nach uilear dhuinn uile bhith beò an dòchas gun lean taic dha obair-àiteachais agus croitearac­hd neo fàsaidh coimhearsn­achdan an iomaill fiù ‘s nas laige na tha iad.

My grandfathe­r regularly described himself as ‘living in hope’, whether for a successful fishing outing or a good potato harvest.

Planting my potato crop this past week, I was reflecting on the many reasons I have for living in hope at this time, including the prospect of a historical lasting peace in Korea and the wish for crofting to be enabled to survive Brexit now less than a year ahead.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom