The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

DEAGH LÀITHEAN a bha siud dhan Ghàidhlig a dh’aindeoin faoineas agus nimh bho chuid. Sgoil Ghàidhlig ùr am Port Rìgh, agus an treas tè air ghealltain­n ann an Glaschu.

Ùrachadh taic dha obair corpas na Gàidhlig airson nan còig bliadhna romhainn, agus naidheachd mu leudachadh luachmhor ann an clàr phrògraman ùra BBC Alba. Agus leis an treas Plana Nàiseanta Gàidhlig air fhoillseac­hadh, tha Achd na Gàidhlig 2005 a’ cur impidh air an riaghaltas gun tèid suidheacha­dh na Gàidhlig a dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Thachair sin seachdain Dhimàirt seo chaidh agus bha e na mhisneacha­dh a bhith a’ cluinntinn taic thar-phàrtaidh cho daingeann dhan Ghàidhlig agus dhan a’ Phlana ùr. Fad nam bliadhnaic­hean a thug mi fhìn a’ stiùireadh iomairt gus gach adhartas dhan chànan a dhìon tro reachdas, bha mi mothachail cho cudromach ‘s a bha e nach biodh Gàidhlig ga faicinn mar rud a bhuineadh do thaobh sònraichte sam bith de phoilitigs. Chaidh sin a choileanad­h ann an 2005 le aonta aon-ghuthach air an Achd.

Bha fios glè mhath nach robh an seo ach a’ chiad cheum air an t-slighe chun na h-inbhe thèarainte a bha sinn a’ sireadh ach ‘s e ceum sònraichte a bh’ ann agus tha cumhachd na h-Achd air toradh a liubhairt thar nan dusan bliadhna bho chaidh i an gnìomh.

Nuair a dh’iarr co-labhairt nàiseanta ann an 1986 poileasaid­h nàiseanta dhan Ghàidhlig, chomhairli­ch Rùnaire Stàite na h-Alba, Seòras Younger, gur i an t-slighe a b’ fheàrr air adhart gun dearbhadh coimhearsn­achd na Gàidhlig a creideas na cànan is na dualchas le gnìomh agus gum feumadh Riaghaltas èisteachd. Rinn Gàidheil an dearbhadh sin gu ìre mhath agus tha Achd na Gàidhlig na fianais gun do dh’èist riaghaltas na h-Alba, agus tha deasbad air a’ chànan air clàr na Pàrlamaid an lùib ùrachadh plana Nàiseanta gach còig bliadhna.

Tha e air leth deatamach gum bi na pàrtaidhea­n fa leth cuideachd ag ùrachadh agus a’ daingneach­adh an cuid taice dhan Ghàidhlig anns an leithid seo de dhòigh, agus bha na nochd san deasbad mu dheireadh seo misneachai­l.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom