The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul(Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

FIU ’S MUS FHACA MI an seann chàr aig mo charaid Iain Fearchar Rothach nach maireann taobh a-mach Chaol Loch Àillse Dihaoine seo chaidh, bha tomhas de chianalas air bualadh orm beagan roimhe sin is mi a’ siubhal bhon Eilean Sgìtheanac­h gu ruige Inbhir Nis.

Bha an rathad trang da-rìribh agus saoilidh mi gum bheil buaidh turasachd follaiseac­h air taobh an iar Alba an ìre mhath fad na bliadhna a-nise. ‘S e dhùisg mo chuid cianalais gun robh sreath charbadan a’ sìneadh air ais chun an stèisean connaidh air taobh an ear a’ Chaoil, neo Garaids Alby mar a bhios mise fhathast a’ smaoineach­adh air ged is fhada bho dh’atharraich an suidheacha­dh sin.

Thàinig deàlradh cuimhne thugam air an liuthad turas a bha mise, mar na mìltean eile thar nam bliadhnaic­hean, aig amannan nam thàmh anns a’ Chaol neo an Caol Àcainn a’ feitheamh uairean a thìde ri aiseag! Gun teagamh bidh an aon seòrsa cuimhne aig iomadach neach air aiseagan eile, leithid Baile Chaolais, agus ged a bha leithid sin de dhàil na chothrom air beagan foise san t-siubhal, bha e cuideachd gu math mì-ghoireasac­h dha daoine aig an robh ri bhith aig ceann-uidhe sònraichte aig àm àraid. Cha b’ iongnadh mar sin ged a bha mì-fhoighidin­n bitheanta agus ‘s dòcha fiù ’s ìre dràibhidh nas luaithe agus nas mì-chùramaich­e ri linn sin agus na maille a chaidh air an fheadhainn a bha air thuras.

Ged is dòcha nach eil mòran mothachail air sin, bha pàirt mhòr aig Iain Noble anns an iomairt gus drochaid a thogail aig Baile a’ Chaolais, agus bhuinnig an t-srì aig Iain Fearchar agus iomadach neach eile thar mòran bhliadhnai­chean drochaid an Eilean Sgitheanai­ch. Tha na sochairean sin cho goireasach an-diugh is gum bheil e furasta dìochuimhn­eachadh cho eadar-dhealaicht­e ‘s a bha cùisean roimhe, agus saoilidh mi nach eil sinne a tha a’ còmhnaidh air tìr-mòr Alba idir cho mothachail neo tuigseach air mar a tha beatha làitheil mhuinntir Eileanan an taobh an iar agus tuath an eisimeil sheirbheis­ean aiseagan.

Choisinn seirbheis dhìleas bhàtaichea­n Mhic a’ Bhriuthain­n cliù thar iomadh bliadhna air an taobh an iar agus bha iad airidh air sin, agus rinneadh gàirdeacha­s nuair a ghlèidh Calmac ùrachadh cùmhnant bho chionn ghoirid.

Ach ann an saoghal far am bheil barrachd is barrachd sluaigh gan tàladh chun an iar, agus tuath, fad na bliadhna, tha e furasta a thuigsinn gum bheil dùbhlan lìbhrigidh sheirbheis­ean aiseig gu bhith nas dorra mar a tha an ùine a’ dol air adhart. ‘S i leth na cèairde an t-inneal, agus gun bhàtaichea­n chomasach gu leòr tha an dùbhlan sin gu bhith nas miosa buileach.

LIFELINE ferry services exist to serve remote communitie­s but as tourism develops into a year-round industry, the provision of these services becomes increasing­ly challengin­g on the west coast and the islands.

If the tools be half the trade as a proverb states, then CalMac requires an urgent upgrading of its fleet to maintain a well-earned service reputation.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom