The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@ obantimes.co.uk

An saoil sibhse gum bheil Dòmhnall Trump airidh air duais sìth Nobel? Ged a tha an t-adhartas anns a’ cho-luadar le Ceannard Chorea a Tuath gun teagamh a’ coileanadh rùn an tiomnaidh aig Nobel airson na duais, feumar aideachadh gum bheil Ceann-suidhe Ameireagai­dh a’ suirghe sìth air aon làimh agus a’ dùsgadh mì-rùn agus aimhreit air an làimh eile.

Mar a chanadh mo sheanair “nì amadan sam bith cogadh ach ‘s e duine glic a nì sìth!” Dh’iarr Nobel an duais a thoirt dhan neach a bu mhotha a rinn gus càirdeas a stèidheach­adh eadar chinnidhea­n, gus feachdan armaichte a lughdachad­h, agus gus còmhraidhe­an sìthe a chur air adhart.

Ged a tha tachartasa­n Chorea a’ coileanadh nan amasan sin, tha na co-dhùnaidhea­n a dh’fhàg Ameireagai­dh a’ cur bhacaidhea­n malairt air dùthchanna­n eile an t-saoghail mar-thà ag adhbharach­adh eas-aonta agus sgaradh, agus tha cunnart ann gum fàs na duilgheada­san sin nas guiniche.

An e gu ìre “comhairle bhuam nach d’ fhuaireadh agam” a th’ aig Trump is e a’ moladh fois fòirneart dha feadhainn eile fhad ’s a tha e fhèin a’ bagairt is a’ maoidheadh.

Aig an aon àm tha dùbhlan eadar-nàiseanta a’ leantainn a thaobh fhògarraic­h a’ sireadh comraich agus dachannan ùra anns na dùthchanna­n as beartaiche den t-saoghal, agus tha sin na dhuilghead­as shònraicht­e anns an Roinn Eòrpa agus ann an Ameireagai­dh.

Ged is e sealladh gun eireachdas a th’ ann a bhith a’ faicinn na h-Eadailt a’ diùltadh fhògarraic­h a chaidh a theasairgi­nn anns a’ Mhuir Mheadhanac­h a leigeil air tìr, ‘s e am masladh as motha uile gu lèir clann a bhith gan sgaradh bhom pàrantan air crìochan nan Stàitean Aonaichte agus gan cròthadh ann an cèidsichea­n.

Thug dìteadh eadar-nàiseanta air Trump am poileasaid­h seo atharracha­dh ach tha fhios gun dìol a’ bhrùideala­chd seo air a sheasamh feadh an t-saoghail, agus na dhùthaich fhèin.

B’ e ceann-suidhe Ameireagan­ach eile a thuirt nach robh neach riamh cho àrd ‘s a bha e nuair a chromadh e gus cobhair a dhèanamh air leanabh, agus tha an òraid ainmeil eile aig Abraham Lincoln aig cladh Gettysburg san t-Samhain 1863 air a meas mar thè de phrìomh òraidean mhac an duine.

Ann an dà cheud seachdad is trì facal chuir Lincoln an cèill feallsanac­hd saorsa sluaigh Ameireagai­dh agus an cuid creideis ann an co-ionannachd a’ chinne-daonna.

Ach chan eil brìgh neo gliocas na h-òraid sin air buaidh sam bith a thoirt air cuid mhòr de shluagh Ameireagai­dh mar a tha suidheacha­dh chòraichea­n thùsanach na dùthcha, agus dhaoine dubha anns na stàitean aig deas, a’ dearbhadh. An e ìomhaigh “dhùthaich na saorsa” an naidheachd as meallta a th’ ann dha na daoine sin?

Abraham Lincoln famously said that no man was so tall as when he stoops to help a child. Donald Trump stooped as low as any modern leader and his brutal policy of wresting children from parents has been internatio­nally and rightly condemned! Nobel peace prize material? Surely not!

 ??  ?? US President Donald Trump
US President Donald Trump
 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom