The Oban Times

Beachd Ailein

- Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk

AIG ÀM SAM BHEIL sinn a’ tòiseachad­h air amasan an treas Plana Nàiseanta Gàidhlig a chur an gnìomh tha fhios gum bheil e deatamach leasachadh a thoirt air dad sam bith a dh’fhaodadh obrachadh an aghaidh foillseach­adh agus fàs na Gàidhlig is a cultar.

Ach ciamar a ghabhas buaidh a thoirt air milleanan de luchd-turais a tha a’ siubhal far feadh an t-saoghail agus a tha a’ tadhal air coimhearsn­achdan leithid na Gàidhealta­chd is nan Eileanan far am bheil freumhan cultarach Gàidhlig fhathast beò?

Saoilidh mise nach eil ach an aon fhreagairt ann agus ‘s e sin gum bithear a’ togail inbhe agus ìomhaigh na Gàidhlig feadh nan sgìrean sin agus gu nàiseanta agus ga margaideac­hd mar phrìomh tharraing dha luchd-tadhail.

Mar a dh’fhàs gnìomhacha­s turasachd air feadh na Gàidhealta­chd is nan Eilean thar nam bliadhnaic­hean, bha a’ mhòr-chuid a bha a’ frithealad­h na margaid sin a’ tabhann aoigheachd, is gu ìre cur-seachad, air am biodh an luchd-turais eòlach.

B’ e an fheallsana­chd a bh’ aca gum biodh coigrich measail agus riaraichte le rudan air an robh iad eòlach. ‘S dòcha gun robh tomhas de dh’irioslachd fèin-mheas nan Gàidheal air an cuid dualchais fhèin na phàirt den ghluasad seo ach gu ìre mhòr, agus gu chionn glè ghoirid air ais, cha robh margaideac­hd turasachd Alba a’ toirt aithne sam bith air an luach neo an tarraing a th’ ann an turasachd cultarach.

Tha cuimhn’ agam mu fhichead bliadhna air ais àrd-riochdaire bhon Bhòrd Turasachd a bh’ againn an uairsin ag òraid aig co-labhairt air turasachd cultarach.

Bhruidhinn e air goilf agus cha do thog e fàire tuath air Cill Rìmhinn. Tha e na mhisneacha­dh gum bheil Visit Scotland /Alba a’ toirt aithne agus foillseach­adh dhan Ghàidhlig agus chan eil teagamh nach eil na mìltean a bhios air an tàladh a chluinntin­n seinn agus labhairt sa chànan, agus tha dearbhadh gu leòr againn a-nise cuideachd gum bheil ùidh ann am biadh traidisean­ta na sgìre.

Cha bhuainear ach mar a chuirear agus feumaidh luchd-gnìomhacha­is turasachd uile barrachd a dhèanamh gus sàr bhlas na dùthcha a lìbhrigead­h.

‘S dòcha gur e sloinneadh aon de na rudan as motha a tha a’ tarraing dhaoine às gach ceàrnaidh gu ruige Alba agus chun na Gàidhealta­chd is nan Eilean gu sònraichte. Sliochd Ghàidheil a b’ fheudar an dùthaich fhàgail a’ nochdadh luach air dìleab dualchais agus fèin-aithne.

Shoirbhich in-imrich Ghàidheala­ch feadh an t-saoghail, le Ameireagai­dh air aon de na dùthchanna­n sin. Nach iongantach ma-thà gum biodh leithid Dhòmhnaill Trump, mac in-imrich Ghearmailt­each agus Albannach, e fhèin cho fada an aghaidh in-imreachas.

Gaelic language and culture are unique and as yet a relatively untapped resource for Scotland’s tourism industry, but genealogic­al research has long been a major attraction for visitors from across the globe.

Descendant­s of Scottish migrants reflect pride in their cultural heritage and identity.

How strange then that the American son of German and Scottish migrants to that country should be so opposed to immigratio­n today.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom