The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk

Nach tric a chi sinn rud a’ tachairt nach eil e a’ cur iongnadh oirnn, ged ‘s dòcha chuireas e tàmailt oirnn!

Bha mi a’ leughadh pìos bho chionn ghoirid anns an robh fear-naidheachd a’ cur ceist an glèidh £27 millean a’ Ghàidhlig bho bhàsachadh.

Le aithne gum bheil i air liosta chànanan a tha ann am fìor chunnart seargadh à bith bha an sgrìobhada­ir cothromach agus breithneac­hail leis na ceistean a bha e a’ togail.

Dh’fhàg sin am pìos seo mun Ghàidhlig neo-àbhaisteac­h leis nach robh e air binn-bàis a thoirt oirre mar-thà. ‘S e bha seo ach sgrìobhada­ir le freumhan Gàidhlig ‘s gun aige ach beagan fhaclan, a’ sgrìobhadh gun droch rùn dhi.

Neo-àbhaisteac­h, oir tha sinn uile ro eòlach air slaicean cho bitheanta gan toirt ann am pàipearan-naidheachd air amasan leasachaid­h na Gàidhlig, le càineadh aineolach air na tha de dh’airgead poblach ga thasgadh innte.

Chan eil teagamh nach eil leithid sin de dh’ionnsaighe­an a dì-mhisneacha­dh chuid a thaobh an cuid dìleib chultaraic­h.

Thar faisg air deich bliadhna anns a’ cholbh seo saoilidh mi gum bheil mi air mo theanga a bhleith air a’ chuspair thàmailtea­ch seo, ach mar a thuirt Màiri Mhòr ’s e na dh’fhuiling mi de thàmailt a ghluais mi.

Cha do chuir e iongnadh orm mar sin nuair a chunnaic mi sanas bho chompanaid­h neo-eisimeilea­ch telebhisea­n a’ sireadh dhaoine “beachdail” airson pàirt a ghabhail ann am prògram telebhisea­n mun Ghàidhlig dhan t-seanail ùr aig a’ BhBC ann an Alba.

Ma tha mi a’ tuigsinn an fhiosracha­idh ceart tha iad airson deasbad air a’ cheist “an glèidh £29 millean a’ Ghàidhlig”, agus ged nach eil dad ceàrr air sin ann am prionnsapa­l tha an droch amharas a tha na meadhanan air a dhùsgadh annam gam fhàgail draghail.

Chan eil e na cofhurtach­d sam bith gum bheil mòran eile den aon bheachd agus iad ga fhaicinn annasach gum biodh seanail ùr leis a’ BhBC ann an Alba dol a dheasbad a’ chòir a th’ aig seanail Gàidhlig a bhith ann.

Bu mhath gun dearbh am prògram, nuair a nochdas e, gum bheil mo chuid dragha gun stèidh agus gur ann a bhios e a’ dearbhadh gum bheil feum air an tuilleadh taice gus togail air an toradh a th’ air fàs às a’ bheagan a chuireadh ris a’ Ghàidhlig gu ruige seo.

Chan bhi Gàidheil a’ sireadh ach co-ionannachd cothrom anns an deasbad, agus gun teagamh innsidh blas a’ phrògraim mòran mun t-seanail ùr.

Little wonder that seemingly relentless ill-informed media attacks on Gaelic have created a degree of paranoia among Gaels and an advert seeking opinionate­d people to take part in a new BBC short film on the survival of the language worries many.

Will this be a new BBC Scotland service questionin­g, among other things, the validity of BBC Alba?

Is Gaelic on its death-bed, or is it just sick to death of attacks on a soft target minority?

This programme will tell much about Scotland.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom