The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk

Am fear a bhios a’ roinn na maraig, bidh ‘n ceann reamhar aige fhèin! Iallan mòr à leathar chàich! Tha na seanfhacai­l seo agus iomadh eisimpleir eile den t-seòrsa nan dearbhadh gun robh na Gàidheil eòlach gu leòr air sannt agus air cho doirbh ‘s a tha e cùisean a roinn gu cothromach eatarra. Chan eil sin idir a’ ciallachad­h gun robh Gàidheil eadar-dhealaicht­e bho chinnidhea­n eile feadh an t-saoghail oir tha fèinealach­d agus sannt cho nàdarra dha mac an duine ri bhith a’ tarraing analach!

Anns na sgrìobh mi mun chòmhlan Runrig bho chionn seachdain thug mi iomradh air feannagan-taomaidh (neo talamh-taomaidh mar a th’ aig faclair MhicIllFhi­nnein) agus bha na feannagan sin nan oidhirp mhath air cothromach­adh a dhèanamh air àiteachas ann am bailtean beaga feadh Alba. Bha dòigh aig na daoine air cruinn a chur ach am biodh gach ball den choimhears­nachd a’ faotainn cothrom bliadhna ma seach air an fhearann a b’ fheàrr anns na bailtean, agus bidh e coltach gun do dh’obraich sin riatanach math leis gun do lean an cleachdadh fad ghinealaic­hean, mar a chithear cho soilleir bho na làraich. Ged a bha an aon seòrsa dùbhlain aig iasgairean a thaobh roinn agus dìon an cuid grunnd, gu follaiseac­h cha ghabhadh an aon seòrsa smachd a chumail an sin agus bha bhuil ann is argamaidea­n agus maoidheadh air a bhith bitheanta fad nam bliadhnaic­hean a thaobh bhàtaichea­n coimheach a’ spùinneadh làraich chàich. Canaidh cuid gum bheil iasgairean air a bhith gionach riamh agus nach eil cus dragh aca mun latha a-màireach agus leantainne­achd stuic is gnè èisg. Mar bhall san Aonadh Eòrpach tha Breatann air a bhith fo smachd Phoileasai­dh Choitchean­n Iasgaich fad iomadh bliadhna agus saoilidh mòran gum bheil sin air cus cothruim a thoirt dha dùthchanna­n Eòrpach eile mu na cladaichea­n againne.

‘S dòcha nach eil e na annas gum bheil ùpraid às ùr air èirigh eadar iasgairean Breatannac­h agus Frangaich is na bàtaichean Breatannac­h gan ruagadh air falbh bho làraich bheartach chreachan còrr air dusan mìle far chladach na Frainge. Fo riaghailte­an na h-Eòrpa tha bàtaichean Frangach air an casg bho na làraich sin eadar am Màrt agus an Dàmhair gach bliadhna ach faodaidh iasgairean à Breatann an grunnd a sgrìobadh mar a thogras iad aig àm sam bith. Theagamh gun tig air cabhlaiche­an Bhreatann is na Frainge air smachd a chur air an t-suidheacha­dh, ach saoilidh mi gum bheil seo na fhàisneach­d air tuilleadh dhuilghead­asan agus chosgaisea­n a’ dìon ghruinnd iasgaich na dùthcha seo an dèidh dealachadh Bhrexit!

Irrespecti­ve of one’s opinions on the opportunit­y which Europe’s fishery policy gives to vessels from other member states to fish UK waters, it does seem odd that British scallop dredgers can operate freely in the Baie de Seine grounds where French fishermen are restricted to four months per year to preserve stocks!

Post Brexit protection of British fishing grounds must prevent intrusion by foreign boats, and it must also regulate UK catching patterns.

That will be challengin­g, and costly.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom