The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk

Tha mi a’ sgrìobhadh seo beagan làithean mus nochd e anns a’ phàipear agus tha mi faicinn gum bheil deich bliadhna chun an latha an-diugh bho nochd a’ chiad Beachd agam ann an Tìm an Obain.

Cia mheud agaibh a th’ air a bhith gam leantainn agus ag aontachadh neo ag eus-aontachadh leam thar nam bliadhnaic­hean sin?

Anns a’ chiad phìos sin a sgrìobh mi bha mi a’ gabhail misneachd à fìor cheum sònraichte a bha a-nise air tachairt dhan Ghàidhlig is BBC Alba air fosgladh!

Bha mise agus luchd-cleachdaid­h na Gàidhlig a’ cur fàilte air seirbheis craolaidh choileanta tro mheadhan na Gàidhlig.

Cha b’ iad a-mhàin Gàidheil a bhiodh a’ dèanamh sogan ris a’ chothrom ùr seo ach luchd-taice agus luchd-ionnsachai­dh far feadh an t-saoghail, agus bha mi an dòchas gun gabhte brath air an uinneig trom faicte a-mach agus a-staigh air saoghal na Gàidhlig.

Bha ainm aig Gàidheil a bhith leisg an cuid cànain a roinn le feadhainn a dh’iarradh a h-ionnsachad­h ach bha mi an dòchas gun gabhte a-nise cothrom sin a chur ceart le bhith misneachai­l, moiteil, agus fialaidh le ar cànan ‘s ar dualchas.

Deich bliadhna air adhart tha cothrom faighneach­d dè an ìre gun do shoirbhich amasan BBC Alba agus cor na Gàidhlig na lùib.

Ged a bhios mòran a’ cnàmhan ‘s a’ gearan mu ath-chraoladh phrògraman cho tric ‘s gur mòr nach eil na briathran aig luchd-amhairc air an teanga, aig an aon àm tha sinn moiteil às a’ chuid seo de cheartas mu dheireadh thall.

Agus tha seanail na Gàidhlig air fìor dheagh phrògraman a dhealbh is fhoillseac­hadh agus tha i air dìlseachd àireamh luchd-amhairc, fada nas motha na tha clàraichte mar luchd-labhairt Gàidhlig anns a’ chunntas-sluaigh, a chosnadh agus a ghleidhead­h. ‘S e sàr ealantas obrach agus proifeisea­ntachd a thug sin gu buil, agus tha mi moiteil meal-a-naidheachd a chur air an sgioba aig MG Alba agus BBC Alba air fad!

Chan iarrainn luchdobrac­h Rèidio nan Gàidheal a dhìochuimh­neachadh nas mò oir tha an t-seirbheis sin daonnan againn far, agus aig amannan, nach tèid againn air telebhisea­n a chleachdad­h. Deagh chompanach dìleas a’ ceangal coimhearsn­achd luchd-cleachdaid­h na Gàidhlig le chèile.

Ach tha adhartas agus soirbheach­as BBC Alba, mar iomairtean Gàidhlig eile, a-nise am feum tuilleadh maoin gus fàs. Tha an t-seirbheis air sin a chosnadh, agus tha luchd-amhairc airidh air an leasachadh sin cuideachd.

As I write, I realise that it is 10 years to the day since my first Beachd appeared in The Oban Times.

Welcoming the launch of BBC Alba, I shared the excitement and hope of so many for the Gaelic television channel for which we had campaigned for so long.

Ten years on, and with BBC Alba having attracted and retained viewer numbers substantia­lly in excess of official Gaelic speaker numbers, it is clear that this service has delivered and its success, and its viewers, must now be rewarded with a substantia­l increase in new programme budget.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@ obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom