The Oban Times

Beachd Ailein

- editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@ obantimes.co.uk ALLAN CAMPBELL

‘S tric a chluinnear beachd gum bheil mothachadh air cò às a thàinig sinn deatamach ann a bhith a’ stiùireadh na slighe as fhèarr air adhart.

Canaidh feadhainn eile gum bheil cus aire air eachdraidh na bhacadh air adhartas agus gur còir nas lugha de dh’ùine a thoirt a’ cuimhneach­adh air na chaidh. Nuair a thathar a’ comharrach­adh ceud bliadhna bho chrìoch a’ Chogaidh Mhòir tha e tur iomchaidh urram a thoirt dha na milleanan a chaill am beatha anns a’ bhlàr sgreamhail sin, agus anns a liuthad cogadh eile bhon uairsin.

Aig an aon àm ‘s fhiach faighneach­d dè a dh’ionnsaich an saoghal bho na h-ìobairtean a rinn uimhir, agus an sgrios a dh’fhuiling coimhearsn­achdan feadh an t-saoghail. Dè am feum a rinn a’ chuimhne dha luchd-riaghlaidh? Aon rud a tha cinnteach ‘s e gum bheil daonnan cunnart gun tèid eachdraidh atharracha­dh ma leigear fìrinn na thachair air dìochuimhn’.

‘S dòcha nach ann le turchairt a tha, bho chionn ghoirid, aire nam meadhanan air cuimseacha­dh air a’ cheangal a bh’ aig cuid de luchd-gnothaich Alba ri tràilleala­chd, agus am beartas a thug iad à cleachdadh cho an-iochdmhor an aghaidh dhaoine eile. Mar a dh’innis sreath phrògraman telebhisea­n bho Dhaibhidh Hayman rinn an luchd-gnothaich na gnìomhan seo ann an àitichean leithid tuathan siùcair Iamaica, ach an uairsin cheannaich iad urram is inbhe an seo le cuid dem beartas oillteil a chur an lùib caochladh iomairtean carthannai­s.

Cuspair eile a th’ air a bhith a’ nochdadh bho chionn greise ‘s e mar a tha naidheachd­an fuadain gan cruthachad­h agus gam foillseach­adh, a’ fàgail dhaoine air am mealladh a thaobh dè tha fìor seach na bhreug! Thug modh-obrach àraid a’ Chinn-suidhe Trump naidheachd­an fuadain gu aire is esan a’ fàgail rud sam bith ris nach eil e fhèin ag aontachadh na bhreug, ach tha eachdraidh a’ dearbhadh nach e cleachdadh ùr a tha ann am fianais-bhrèige idir.

Nochd Hayman sin gu làidir ag argamaid gun deach fìrinn a’ cheangail aig Alba ri tràilleala­chd fhalach fo sgàile na h-inbhe uaisleachd a cheannaich beartas. Mar iomadach duine eile, tha amharas agam, bha mise air a bhith den bheachd gun robh Alba a’ sabaid an aghaidh tràilleala­chd agus bha e draghail, ach air leth feumail, fìrinn na cùise a chluinntin­n.

‘S dòcha gur e an rud a bu sgreamhail­e uile gu lèir mar a phàigh Riaghaltas na dùthcha seo fortan dhan luchd-gnothaich seo mar airgead-dìolaidh nuair a chur an lagh às, gu h-oifigeil co-dhiù, dhan chleachdad­h aingidh às an robh iad mar-thà air uimhir a chosnadh. Cha bu bheag an t- iongnadh uimhir de nàire bhith air sliochd nan daoine sin is gun iarradh iad an fhìrinn fhalach, agus abair adhbhar dhuinne an fhìrinn a chuimhneac­hadh.

David Hayman’s recent television series on Scotland’s shameful links with slavery was an excellent expose of how historical facts can be air-brushed from common knowledge and hidden behind images of charitable benevolenc­e. Proof that fake-news is not a new phenomenon.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom