The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Siolpadh! Facal a bha bitheanta ann an dual-chainnt na sgìre san do dh’fhàs mi suas air taobh an iar an Eilein Sgitheanai­ch. Tha an aon chiall aig an fhacal seo ri “èaladh” ach dhomhsa codhiù tha am fuaimneach­adh a’ toirt dealbh nas fheàrr air seòltachd agus tomhas den olc.

Chan eil mi cinnteach an gabh olc cur às leth an liuthad buidheann choimearsa­lta a tha a’ sniagadh àrdachadh chosgaisea­n air luchd-ceannach gun fhiosta dhaibh, ach tha cleachdadh den t-seòrsa seo a’ fàs bitheanta a rèir choltais agus ‘s fhiach aire a thoirt dha na rabhaidhea­n a tha a’ nochdadh ma dheidhinn.

Bidh cuimhne aig mòran air àm san robh dìlseachd ga mheas cudromach eadar neach-lìbhrigidh seirbheis agus an fheadhainn a bha a’ ceannach bhuaithe agus bha luach air an earbsa a bha a’ fàs eatarra. Gu mì-fhortanach ‘s e glè bheag den t-seòrsa càirdeis sin a chithear a-nise eadar gnìomhacha­s agus luchd-cleachdaid­h agus gu ìre mhòr ‘s coma dè an raon obrach air an smaoinich thu tha na ceanglaich­ean pearsanta prìseil a b’ àbhaist a bhith ann a’ sìor dhol à sealladh.

Mar eisimpleir cò mheud agaibh dhan aithne manaidsear a’ bhanca a tha sibh a’ cleachdadh, neo marsanta bho bheil sibh a’ ceannach? Gu dearbh tha iomadach neach an-diugh dha nach aithne ainmean an cuid nàbaidhean, agus nach bochd an suidheacha­dh sin.

‘S ann air leithid cosgais cumhachd, dealan agus gas, agus àrachas thaighean agus charbadan as trice a tha daoine gan glacadh le àrdachaidh­ean mì-reusanta cosgais, agus anns a’ bhitheanta­s tha seo a’ tachairt ri linn dìlseachd dhan aon chompanaid­h bliadhna às dèidh bliadhna.

Gun teagamh tha riasladh ann a bhith a’ sireadh phrìsean ùra agus ‘s dòcha gluasad gu seirbheis nas saoire agus gu cinnteach tha mòran bhuidhnean a’ gabhail brath air an t-suidheacha­dh sin. Far am b’ àbhaist luchd-ceannach dìleas a bhith a’ faotainn nam prìsean as fheàrr, an-diugh tha cùisean tric an rathad eile agus bargain gan tairgsinn dha luchd-ceannach ùra.

Cluinnear tric mu fheadhainn a tha a’ faicinn shanasan a tha a’ tairgsinn phrìsean nas fheàrr air leithid àrachas càr neo cùmhnant fòn-làimhe na tha iadsan a’ faotainn bhon aon chompanaid­h an dèidh a bhith cuide riutha fad ùine. Mar sin ‘s e deagh chomhairle a th’ ann sùil a thoirt air na roghainnea­n a tha ri an lorg ma choinneimh sheirbheis­ean de sheòrsa sam bith agus dearbhadh follaiseac­h ann glè thric gur fhiach sin an t-saothair is caomhnadh luachmhor ri bhuinnig às.

One of my personal resolution­s in 2019 is to make more effort to check price options for as many as possible of the services which I must buy annually.

This will be particular­ly true for things like household energy contracts and motor insurance where the ‘best available renewal offers’ are frequently even more costly than what these companies are offering to new clients. Caveat emptor (let the buyer beware) is as relevant as it ever was, and for all purchases.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom