The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Air starsaich an earraich, agus tha e nàdarra dhuinn a bhith a’ dèanamh fiughair ri fàs agus beagan grèine! Bhiodh daoine tro na linntean a’ faireachad­h togail sunnd nuair a thòisichea­dh an latha air sìneadh agus dorchadas geamhraidh ri dhol seachad, agus abair gun d’fhuair sinne brosnachad­h spioraid fad sheachdain­ean Gearran neo-àbhaisteac­h socair, agus ann an cuid a phàirtean de dh’Alba nas blàithe na chunnacas bho chionn ùine mhòr aig an àm seo den bhliadhna. Chan eil fios agam ciamar a tha muinntir sgìrean eile den dùthaich ach gun teagamh tha Gàidheil measail air a bhith bruidhinn mun t-sìde, agus cho dubhach mu na tha an dàn! Bhiodh mo mhàthair-cèile chòir nach maireann a’ fàidheadai­reachd uisge is gaoth fiù ’s nuair a bha grian an àirde nan speuran ‘s gun sgòth air fàire! Bha dùil ri peanas dhroch aimsire a’ leantainn na gheibhte de làithean matha!

B’ e toileachas a bh ‘ann dhuinne beagan ùine fhaotainn a’ sgioblacha­dh mun taigh agus bha e math a bhith a-muigh ri làithean a bha cho tlachdmhor. ‘S ann nuair a bha mi sa bhun-sgoil a dh’ionnsaich an neachteaga­isg an seanfhacal Beurla dhuinn a bha ag ràdh nan tòisichead­h Am Màrt mar leòmhann gun crìochnaic­headh e mar uan, agus ‘s dòcha ri linn mo cho-latha breith a bhith aig deireadh a’ Mhàirt cha do dhìochuimh­nich mi riamh na faclan. Theagamh nach robh a’ chiad latha den mhìos garbh am-bliadhna ach thàinig fior dhroch shìde anns a’ chiad sheachdain, agus abair gun robh sinne toilichte leis na chaidh a chur às ar dèidh de dh’ obair-gàrraidh. Ma bha sinn a’ faicinn ‘s a’ faireachad­h earrach a’ boillsgead­h bho chionn seachdaine ‘s beag a tha dhen choltas sin air nuair a tha mi a’ sgrìobhadh seo is snuadh fuar geamhraidh air an talamh a-rithist, agus tuilleadh den t-seòrsa aimsire chaochlaid­ich sin ga gealltainn. Gun teagamh thig atharracha­dh gu math sgiobalta agus nì beagan làithean tiormachd feum mòr ann a bhith deasachadh airson àm cura, agus nam biomaid dol a ghabhail stiùireadh bho eòlas ar sinnsirean tha an seanfhacal acasan ag innse dhuinn “am fear nach cuir sa Mhàrt cha bhuain e as t-Fhoghar”.

Mar a tha sinn cho mothachail, tha deireadh a’ Mhàirt am-bliadhna gu bhith a’ ciallachad­h sgaradh Bhreatainn bhon Aonadh Eòrpach, agus aig àm sgrìobhaid­h seo chan eil e soilleir dè seòrsa aonta leis am fàg sinn. Bidh achaidhean gan cur fo bhratach aonaidh a thèid a bhuain ann am Breatann dealaichte. Ach tha cùisean mòran nas draghaile dha tuathanaic­h agus croitearan a bhios a’ frithealad­h breith uan ann am beagan sheachdain­ean ‘s gun fhios aca de seòrsa margaid a bhios ann dhan stoc sin deireadh an t-samhraidh.

He that doesn’t sow in March will not reap in autumn!

An old proverb with particular relevance this year as the impact of Brexit remains unclear, particular­ly, for example, for crofters and farmers commencing lambing while not knowing what sort of market will be available in autumn.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom