The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Chan fhacas a leithid riamh thar ceud is ceathrad bliadhna de dh’fharpais Cuach Chalcutta, agus ann am beachd mhòran de luchd-amhairc rugbaidh bha an geama seo cho inntinneac­h, brosnachai­l, ri farpais eadar-nàiseanta air am bheil cuimhne! Agus mo nàire mhòr chaill mise a’ mhòr-chuid dheth!

Cha b’ ann air sgàth dìth cothroim, oir cha robh dad a dhleastana­s eile an urra rium nuair a bha e air an telebhisea­n, ‘s e bu choireach ach gun do thrèig mi an sgioba le dìth creideis annta. Thòisich mi gan coimhead ceart gu leòr ach nuair a chunnaic mi sgioba Shasainn a’ dèanamh shiobhagan den loidhne dìon aig Alba bho thoiseach cùise chuir mi mo chùl ris a’ gheama eagal ‘s gum fàgadh e airtnealac­h mi.

Mu letheach-ùine chuala mi gun robh Alba a’ call gu dubh agus bha mi a’ faireachad­h gun d’ rinn mi an co-dhùnadh ceart gun a bhith ag amharc leithid de ruaig. Ach ‘s gun ach nas lugha na deich mionaidean ri dhol chuala mi air prògram naidheachd gun robh Alba agus Sasainn gu bhith co-ionann! Leum mi gu ciontach a choimhead, agus abair gun tug spàirn nam mionaidean mu dheireadh sin togail dhomh fiù ‘s ged nach deach aig Alba air buannachad­h. Daibhidh agus Goliat a-rithist, agus dùthaich bheag a’ cumail ceann cruaidh a’ mhaide ris an nàbaidh mhòr! Abair moit!

Abair tàmailt, agus nàrachadh, dhòmhsa nach do nochd de chreideas ann an riochdaire­an mo dhùthcha ‘s gun robh mi deònach cumail gan coimhead agus taic a nochdadh dhaibh.

Chan e leisgeul susbaintea­ch e idir ach a rèir choltais bha mòran den aon bheachd rium fhìn nach d’ rachadh aig Alba air a’ chùis a dhèanamh air sgioba Shasainn, agus ‘s neònach mura bi daoine a’ meòrachadh fad iomadh bliadhna air dè ann an da-rìribh a chaidh a ràdh ri cluicheada­irean Alba aig leth-ùine a thug a leithid de ghrad atharracha­dh air an cuid cluiche agus spiorad nuair a nochd iad san dàrna leth. Gura mise a bha a’ miannachad­h gun robh mi an cuideachd luchd-taice Alba aig Twickenham gus a’ ghleadhrai­ch iongantach ud a chluinntin­n beò, agus fhaireacha­dh.

Thug cluicheada­irean Alba togail dhan dùthaich gu lèir Disathairn­e seo chaidh le dealas agus dìorrasach­d a choisinn spèis luchd-amhairc bho gach taobh den fharpais, agus gum meal iad an naidheachd air Cuach Chalcutta a ghleidhead­h ann an Alba ged nach deach aca air an geama a bhuinnig gu h-iomlan. Agus aig deireadh cùise nach bu taitneach gach sgioba fhaicinn a’ crathadh làimhe le chèile, agus càirdeas a’ leantainn beartas spàirne na farpais.

Feasgar Dhihaoine seo chaidh dh’fhàg luchdèiste­achd cèilidh bhliadhnai­l Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis is iad làn molaidh air fìor dheagh chuirm, agus le mothachadh misneachai­l air a’ bheartas iongantach a th’ againn ann an saoghal nan ealain Ghàidhlig.

Scotland’s second-half performanc­e in the Calcutta Cup match was truly inspiratio­nal, and both teams deserve praise not least for the pleasing example of friendly handshakes at the end of a gruelling competitio­n!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom