The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk

Mun àm a bhios sibhse a’ leughadh seo bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu còrr air letheach seachad, agus tha mi ’n làn-dòchas gum bheil othail agus àbhachdas air a bhith a’ dol, am measg ealantais cainnte agus ciùil!

Ri linn ‘s mar a tha ùine deasachaid­h a’ phàipeir seo tha mise a’ sgrìobhadh ‘s gun am Mòd seo ach air ùr thòiseacha­dh, ach abair gun robh sin aighearach agus dripeil, agus bha e a’ gealltainn fìor dheagh chuirm fad na seachdaine­ach. Bu mhath am brosnachad­h am-bliadhna seo a-rithist a bhith a’ faicinn sàr Ghàidheal tàlantach òg a’ faotainn urram Tosgaire na Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba.

Gum meal Alasdair MacIlleBhà­in an naidheachd. Bha e na mhisneacha­dh mòr cuideachd gun tàinig Iar Phrìomh Mhinistear Riaghaltas na h-Alba a thoirt seachad na duaise sin, agus a dhèanamh fosgladh oifigeil air Mòd Nàiseanta 2019.

Shaoileadh tu nach gabhadh bàrr cur air leithid sin ach dìreach an dèidh na cuirme-fosglaidh ann an eireachdas Sheòmraich­ean Baile Ghlaschu, chumadh cuirm-chiùil ma choinneamh an togalaich sin ann an Ceàrnag Sheòrais far an robh còisir chloinne le còrr air ceud seinneadai­r à sgoiltean Ghlaschu.

Abair teachdaire­achd làidir bhon bhaile a thaobh foghlam Gàidhlig, agus mar nach robh sin na bhrosnacha­dh gu leòr chualas cuideachd bhon chòisir Gàidhlig, Alba, a thug Joy Dunlop gu farpais Eòrpach am-bliadhna. Cha do bhuinnig Còisir Alba san fharpais Eòrpaich ach dh’fhoillsich e Gàidhlig gu h-eadar-nàiseanta, agus thog e inbhe agus cliù a choisinn, le ceartas, moladh mòr.

Disathairn­e bha Lèanag Ghlaschu beò le fuaim na Gàidhlig a-rithist is farpaisean bhall-coise bhan, agus iomain, gan cur gu h-èasgaidh, dùrachdach. Leth-cheud bliadhna air ais nuair a chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail san Aghaidh Mhòr ‘s ann a chaidh farpais iomain Chupa a’ Mhòid a chluiche airson a’ chiad turas, agus bhuannaich Bail’ Ùr an t-Slèibh an duais nan nàbachd fhèin.

Seach a-mhàin trì tursan bhon uairsin chaidh an fharpais seo fheuchainn aig a h-uile Mòd Nàiseanta agus ‘s neònach mura robh miann buinnig a’ Chupa fiù ‘s nas làidire buileach san chaogad bliadhna seo bho thòisich i! Chaidh sgiobaidhe­an iomain Eilean Bhòid agus Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal ris a’ gheama le sùrd agus tuigidh sibh mar a bha briathran Mhàiri Mhòr anns a’ bhàrdachd air Camanachd Ghlaschu a’ tighinn thugam. Gach fleasgach gun mheang ‘S a chaman na làimh,

‘S a chnapag le srann ga fògair leò.

‘S ann ann a bha ’n ealain Le glagadaich chamain ‘S gach curaidh cur fallais is ceòthran deth!

B’ e latha mòr a bh’ ann dha “fleasgaich” Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal a bhuannaich an gèam ’s an Cupa tro bhuillean-peanais aig deireadh cùise, agus chaidh duais ùr, Cupa Mòd nam Ban, cuideachd gu sgiobadh bhan Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

The 2019 Royal National Mòd got off to a stirring start with, among other excellent performanc­es, a choir of more than 100 Glasgow school-children singing at a ceilidh in George Square, shortly after Deputy First Minister John Swinney declared the event open. I hope you are enjoying the Mòd, whether you are in Glasgow or joining through media

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom