The Oban Times

Mòd Allan’s

- Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk ALLAN CAMPBELL

Mar a tha mi air sgrìobhadh ann am Beachd an àite eile tha seo ga dheasachad­h grunnd làithean mus eil sibh ga leughadh, agus bidh iomradh nas coileanta agam air dìleab Mhòd Nàiseanta Ghlaschu 2019 an-ath-sheachdain.

Aig fosgladh a’ Mhòid bha e na urram dhomh às leth A’ Chomuinn Ghàidheala­ich moladh blàth a dhèanamh air na ginealaich­ean de shàr Ghàidheil a chur ri adhartas a’ bhaile, agus cuideachd na Gàidheil a tha a’ cur ri dhìleab chultarach an-diugh. Bha e fìor mhath Mòd Nàiseanta fhaicinn ann an Glaschu airson an treas turas deug, agus ged a bha ùine bhon a bha e sa bhaile mu dheireadh bha Gàidheil Ghlaschu air leantainn nam pàirt cudromach agus taiceil dha Mòdan Nàiseanta agus Ionadail. Rinn mi cuideachd moladh air dealas phàrantan a rinn strì agus a choisinn a’ chiad aonad foghlam Gàidhlig an Alba, le naodhnar chloinne aig Bun-sgoil Sir John Maxwell ann an 1985. Le còrr air mìle cloinne a-nise a’ faotainn an cuid foghlaim tron Ghàidhlig an Glaschu bha mi a’ cur meal-anaidheach­d air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus Bun-Sgoil Ghleann Dail, agus cuideachd air gach sgoil, agus aonad, Gàidhlig feadh Alba a tha a’ brosnachad­h phàrantan feadh na dùthcha. Bha mi moiteil a ràdh gun cùm An Comunn Gàidhealac­h làn-thaic ri fàs Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an sgoiltean sam faigh clann làn-bhogadh sa chànan.

Chuir mi an cuimhne luchd-èisteachd gum bheil e na phrìomh amas leasachaid­h aig Plana Nàiseanta na Gàidhlig gum bi barrachd dhaoine a’ cleachdadh na Gàidhlig ann am barrachd shuidheach­aidhean, eadar dachaigh, curseachad, agus an raointean obrach. ’S e amas a tha sin a tha gu mòr an crochadh air rùn phearsanta dhaoine agus a’ mhisneachd is a’ mhoit a bhios aca nan cànan agus nan dualchas. Tha planaichea­n cànain is obair-leasachaid­h a’ cruthachad­h bhunaitean agus chothroman, ach feumaidh an fhèin-spèis, an creideas, agus an neart, tighinn bho chridhe dhaoine fhèin.

Thuirt mi gum bheil An Comunn Gàidhealac­h moiteil gum bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail agus na Mòdan Ionadail feadh Alba a’ brosnachad­h a’ chreideis sin am measg Ghàidheil de gach aois.

Tha trì mìle deug neach a’ dol tro na Mòdan Ionadail gach bliadhna agus leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, sa bhitheanta­s, a’ cur 3,000 eile ris an àireamh sin tha còrr air sia mìle deug thachartas­an Gàidhlig a’ ruith tron mhòr-chuid den bhliadhna co-cheangailt­e ri Mòdan! Nuair a thèid na mìltean a tha a’ tighinn fo bhuaidh an deasachaid­h airson nam Mòdan a chunntas, mar luchd-oideachaid­h agus buill teaghlaich, tuigear ìre na buaidh a th’ againn a thaobh cleachdadh na Gàidhlig! Seud Nàiseanta airidh air aire shònraicht­e.

At the opening of this year’s National Mod, I was pleased to honour the contributi­on which Gaels continue to make to Glasgow. In the vanguard with Gaelic medium education, Glasgow has also given stalwart support to the national Mòd over the years, helping the evolution of a national treasure.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom