The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul ailean@obantimes.co.uk

B’ e seachdain thrang agus mhisneacha­il a bh’ againn aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019 ann an Glaschu, agus chrìochnai­ch cùisean le tional chòisirean air dorsan Talla Rìoghail Chiùil Ghlaschu gus seinn còmhla agus beannachd fhàgail aig baile aoigheachd a’ Mhòid.

Tha a’ chuirm seo a’ fàs gach bliadhna is muinntir nam bailtean sam bheil am Mòd a’ tachairt a’ gabhail cothrom tighinn a dh’fhaicinn agus a dh’èisteachd, agus ‘s e cothrom math eile a th’ ann gus a’ Ghàidhlig agus a ceòl fhoillseac­hadh. Rinneadh sin ann am fianais shluagh mòr a chruinnich air Sràid Bhochanain madainn Dhisathair­ne seo chaidh, Gàidheil agus caraidean a’ coinneacha­dh air an t-sràid ainmeil sin mar a rinn iad fad linntean bho shean.

Ghabhadh cuideachd cothrom taing a thoirt dha na h-uile a chuir ri deasachadh agus lìbhrigead­h cuirm a bha soirbheach­ail agus taitneach, agus chaidh Bratach a’ Mhòid a shìneadh gu Neach-gairm Chomataidh Eagrachaid­h Ionadail Mhòd Nàiseanta 2020 ann an Inbhir Nis.

Gun teagamh tha uallach an cois dleastanas­an na Comataidh sin, a’ cuideachad­h a’ Chomuinn Ghàidheala­ich le bhith a’ togail taic airgid gu h-ionadail dhan Mhòd agus a’ deasachadh Iomall soirbheach­ail. Ach tha An Comunn glè mhothachai­l nach eil an aon ìre ghoireasan neo maoineacha­idh aig gach baile aoigheachd agus nach urrainnear coimeas mionaideac­h a dhèanamh eatarra. Cuiridh gach coimhearsn­achd fa leth an dreach fhèin air Iomall a’ Mhòid dam bheil iad a’ toirt aoigheachd, agus bidh An Comunn taingeil airson an cuid taice le sin. Ghabh sinn beannachd le Glaschu le fìor dheagh chuimhneac­hain air Mòd 2019, agus le taing mhòr airson aoigheachd agus càirdeas Bhaile Mòr nan Gàidheal! Uair neo dhà tron t-seachdain, mar a bhiodh dùil, chualas an t-òran “Soraidh leibh is oidhche mhath leibh” ga sheinn, agus tha mi cho toilichte gum bheilear a-nise a’ cluinntinn cheathramh­an an òrain uile nas bitheanta.Rugadh bàrd an òrain Iain MacPhàidei­n ann an 1850 ann am Baile Mhuilinn ann am Muile, ach gu follaiseac­h tha faireachda­inn na sgrìobh e an seo cho làidir an-diugh ‘s a bha riamh. A’ sealltainn air ais air Mòd Ghlaschu 2019 thug mi taing cuideachd dha na meadhanan, le aithne air cho beag ‘s a tha an saoghal air fàs an-diugh agus daoine air chomas am Mòd fhaicinn is a’ cluinntinn beò feadh an t-saoghail tron eadar-lìon.

Grian cha laigh a-nochd air mìltean

Leis am binn a fuinn ‘s a rainn,

‘S dom bidh ‘n sgeul na mhòr-thoil-inntinn,

Dh’innseas dhaibh gun robh sinn cruinn.

Astar cuain cha dèan ar sgaradh,

‘S dùrachd dàimh am bannaibh toinnt’,

Glèidh an t-àgh na dh’fhàg a bheannachd,

Oidhche mhath leibh, beannachd leibh!

Music from massed Gaelic choirs on the steps of Glasgow Royal Concert Hall brought the very successful Royal National Mòd 2019 to an end last Saturday, with warm thanks to the City of the Gaels for its famed hospitalit­y. Organisers An Comunn Gaidhealac­h expect this will be replicated by traditiona­l Highland hospitalit­y in Inverness, already two years into preparatio­ns to host National Mòd 2020.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom