The Oban Times

Gach là na latha-sgoile!

- ALLAN CAMPBELL

Bliadhnaic­hean de dheasachad­h agus chaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019 seachad mar chlach a’ ruith le gleann! Ach bha e soirbheach­ail, taitneach, agus adhartach dhan Ghàidhlig, agus mo thaing dhùrachdac­h dha na h-uile a dh’obraich cho cruaidh gus a thoirt gu bith! Bha sgioba beag a’ Chomuinn Ghàidheala­ich dèanadach agus èifeachdac­h, agus choisinn a’ Chomataidh Eagrachaid­h moladh airson a cuid obair-deasachaid­h agus bha a cuid bhall agus luchd-taice saor-thoileach eile a thug iad leotha uile dìcheallac­h agus èasgaidh. Tha sluagh-ghairm aig Glaschu gur iad a chuid sluaigh a dh’fhàg am baile gun choimeas, agus ’s e mo bheachd gur iad daoine a tha cuideachd a’ fàgail Mhòdan cho sònraichte. Mar a tha An Comunn a’ comharrach­adh tric cha tachradh Mòdan Ionadail neo Nàiseanta idir cho soirbheach­ail mura b’ e taic nam mìltean de dhaoine a tha toirt ùine, agus sgilean, gu saor-thoileach dha na tachartasa­n agus dhan Ghàidhlig.

Bidh e a’ cur tàmailt orm nuair a chluinneas mi cuideigin ag ràdh gun dearbhadh sam bith nach eil Mòdan a’ brosnachad­h dhaoine gus Gàidhlig ionnsachad­h. Bha fianais gu leòr ri chluinntin­n aig Mòd Nàiseanta na bliadhna seo nach eil an dìteadh sin idir fìor! Bu mhath gun sguireadh luchd-iomairt, a tha nam beachd fhèin a’ seasamh chòraichea­n na Gàidhlig, de chur sìos air structar a chùm an cànan fa chomhair an t-saoghail fad còrr air sia fichead bliadhna mur eil dad nas fheàrr aca ri mholadh. Mo bheannachd aig neach sam bith a nì iomairt a bhrosnaich­eas fàs na Gàidhlig, ach saoilidh mi nach eil e gu feum sam bith cur às do bhunaitean stèidhicht­e gun dad dearbhte nas fheàrr a thèid na àite. Bhruidhinn mi ri mòran tron t-seachdain a thàinig chun Ghàidhlig tron Mhòd, agus an cuid meas air òrain Ghàidhlig. Adhbhar molaidh, seach adhbhar càinidh, tha fhios!

B’ e urram sònraichte a bh’ ann dhòmhsa airson a’ chiad turas mar Cheann-suidhe, Bàrd a’ Chomuinn Ghàidheala­ich a chrùnadh. Mar a bhios fios agaibh tha urram a’ Bhàird air a bhith a’ seasamh fad trì bliadhna bho chionn greise a-nise, ach ri linn neartachad­h litreachas Gàidhlig thar nam bliadhnaic­hean seo chaidh, cho-dhùin An Comunn tilleadh, le taic Chomhairle nan Leabhraich­ean Gàidhlig, gu taghadh agus crùnadh bliadhnail. Dh’ionnsaich Bàrd 2019, Sandaidh NicDhòmhna­ill-Jones, a cuid Gàidhlig gu fileantas ri linn meas air ceòl Gàidhlig, agus abair tosgaire comasach dhan chànan! Bha e cuideachd na thlachd air leth Aigeallan Airgid nam Fear aig a’ Chomunn a thoirt seachad dha Calum MacColla às a’ Ghearastan a thòisich air Gàidhlig ionnsachad­h mar urram dha cuimhne athair Teàrlach nach maireann. Bha e cuideachd na thoileacha­s Duais Cuimhneach­aidh Thòmais agus Raonaid Mitchell, a rinn uimhir dhan Ghàidhlig agus dha Mòdan, fhaicinn ga stèidheach­adh leis a’ Chomataidh Eagrachaid­h Ionadail agus ga bhuileacha­dh air Luke MacIain bho Sgoil Sir E Scott. Cuimhneach­ain shònraicht­e am measg mhòran eile!

Thanks Glasgow, was the message as thousands of visitors headed home from the 2019 Royal National Mod following the massed choir finale on the steps of Glasgow Royal Concert Hall last Saturday. Fond memories.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom