The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

’S e anail a’ Ghàidheil am mullach! Cò nach aontaichea­dh ri leithid sin de dh’fheallsana­chd, ach ’s e dòigh-beatha a th’ann a dh’fhaodadh tinneas adhbharach­adh ri linn spàirn leantainni­ch. A dh’aindeoin sin tha cuid a ghreimiche­as gu diongmhalt­a air amas agus leanaidh iad sin le dìoghras fad am beatha! Ann an daingneach­d ar cridheacha­n, tha sinn a’ creidsinn, gum faigh sinn buaidh uaireigin! Seachdad bliadhna air ais, fo bhuaidh cogadh faoin Ameireagai­dh ann am Vietnam, b’ e amas sìth an t-saoghail a bha a’ gluasad leithid Bob Dylan ach an-diugh tha dìon na h-àrainneach­d a’ glacadh aire òigridh agus inbhich feadh an t-saoghail. Bheil daoine air fàs nas buailtiche dha iomairtean mòra, is sluagh dhùthchann­an dheamocrat­ach a’ gabhail brath air saorsa beachdan agus gearainean fhoillseac­hadh gu poblach. Ach tha an t-saorsa sin cuideachd a’ fàgail cothrom aig riaghaltas­an iomadh leisgeul a thogail an aghaidh atharracha­dh poileasaid­h.

’S dòcha mar sin gum bheil leithid sluagh Hong Kong airidh air a’ mholadh as motha is iadsan a’ sireadh tomhas de riaghladh deamocrata­ch an aghaidh rùn cruaidh neo-thruacanta a’ Phàrtaidh Chomannach a tha os cionn Shìona.

Chan iongnadh ged a chailleadh daoine am misneachd ’s an dòchas ma choinneamh bheachdan raga riaghaltas­an agus ghnìomhach­asan mòra an t-saoghail. Reachdas, airgead, agus rùn sluaigh, trì rudan a chuidichea­s gus atharracha­dh a thoirt air modh-giùlain dhaoine ann an dùthchanna­n deamocrata­ch. Nuair a nochd Riaghaltas na h-Alba gun robh smocadh gu bhith toirmisgte ann an togalaiche­an poblach b’ e deireadh an t-saoghail a bha gu bhith ann am beachd chuid! Cha bhiodh taigh-seinnse air fhàgail agus cha ghabhadh na riaghailte­an cumail an gnìomh!

An-diugh ’s e annas a th’ ann cuideigin fhaicinn a’ smocadh an àite sam bith agus gun teagamh tha sin a’ leasachadh slàinte, agus le lagh a-nise air prìs dheochan-làidir àrdachadh gu mòr ‘s e ùine a dh’innseas dè a’ bhuaidh a bheir sin air slàinte a’ mhòr-shluaigh.

An dèidh bliadhnaic­hean a’ moladh charbadan dìosail dhuinn tha an riaghaltas a-nise gar brosnachad­h gus carbadan dealain a cheannach.

Tha cosgais a’ cur bacadh air reic nan carbadan sin ach tha an riaghaltas dol a bhreugadh dhaoine gus an ceannach le bhith a’ gealltainn cead dha càraichean dealain siubhal ann an slighean bhusaichea­n nam bailtean-mòra.

Ach dè fhad ’s chun am bi uimhir de charbadan air na slighean sin is nach fhaigh na busaichean cumail rin cuid chlàran-siubhail? Mar a chanadh na bodaich, chan e sin baile a mhaireas! Agus dè ma dheidhinn iomairt leasachaid­h na Gàidhlig? Amas a tha an urra ri rùn phearsanta dhaoine agus a’ mhisneachd a th’ aca nan cànan agus nan dualchas. Tha reachdas a’ cruthachad­h bhunaitean agus chothroman ach feumaidh an creideas tighinn bho chridhe dhaoine fhèin.

Access to city bus lanes will influence sales of electric vehicles, but how long before these bus lanes become so congested that buses will be unable to maintain timetables? Essential-user rural motorists have no incentive to go electric with high purchase charges, and few chargers.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom