The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk Allan Campbell is president of An Comunn Gaidhealac­h and a member of Bòrd na Gàidhlig.

’S Neònach mura robh mòran agaibh a sheas nar tost airson dà mhionaid aig aon uair deug seachdain Diluain seo chaidh, an aona latha deug den t-Samhain, ceud agus aon bhliadhna bho chaidh crìoch a’ Chogaidh Mhòir a chomharrac­hadh an toiseach. Ged a tha cuimhne na chailleadh anns an Dàrna Cogadh, agus ann an cathannan eile bhon uairsin, a’ gleidheadh aire tha e fìor gum bheil teaghlaich­ean a’ call aithne air a’ chuideachd a bhuineadh dhaibh a chaidh a dhìth anns na h-iomadh blàr a ghabh àite. Tha e cuideachd fìor nach eil riaghladai­rean an t-saoghail ag amas air sìth a ghleidhead­h, is tha “bruaillean cogaidh” mar a’ sgrìobh an t-Ìleach Donnchadh MacIain anns an òran eireachdai­l Sìne Bhàn is e fhèin ga thogail dhan Chogadh Mhòr ann an 1914, daonnan air fàire. Ach a dh’aindeoin sin tha e math gum bheil sluagh mòr a’ nochdadh urram cuimhne gach bliadhna air latha comharrach­aidh na foise-fòirneirt, agus chan eil teagamh nach eil fiù ’s am beagan tuigse air eachdraidh nam blàr a’ toirt buaidh air daoine.

Bha smuaintean den t-seòrsa sin a’ cur charan nam inntinn nuair a thachair dhomh sgeulachd fhaicinn air naidheachd­an telebhisea­n a dh’fhàg mi glè bhrònach. Dilleachda­n aona bliadhna deug a dh’aois air tràigh Thripoli an ceann a tuath Afraga, air a bheò-ghlacadh leis an eagal, is e ag amas faotainn thairis air a’ Mhuir Mheadhan-thìreach. Tha e a’ feuchainn ri a shlighe a dhèanamh dhan Roinn Eòrpa far an robh a mhàthair nach maireann a’ bruadar gum biodh e na chluichead­air ball-coise ainmeil latha air choreigin! ‘S aithne dhan mhòr-chuid againn clann a tha aona bliadhna deug a dh’aois, agus tha e do-dhèanta dhuinn smaoineach­adh orra ann an leithid seo de shuidheach­adh! Cò nach fhairichea­dh truas ris a’ phàiste sin na aonar a’ siubhal an t-saoghail? ‘S e còmhstri agus easbhaidh eaconamach a dh’fhàg am balach seo agus na mìltean eile anns an t-suidheacha­dh chunnartac­h sam bheil iad ag imrich nan èiginn a’ lorg tèarmann agus beatha ùr. Tha a’ mhòr-chuid aca a’ sireadh bith-beò agus an seòrsa tèaraintea­chd agus cofhurtach­d a tha againne mar chòir, tèaraintea­chd a choisneadh dhuinn le ìobairt nan iomadh beatha a th’ air, agus is còir, an cuimhneach­adh chan ann a-mhàin san t-Samhain gach bliadhna ach gach latha a tha sinn beò san t-saorsa a thug iad dhuinn!

Thuirt ceatharnai­ch cogaidh bho gach linn gur e duine aineolach air nach robh eagal ri uchd bualaidh, agus gun teagamh cha b’ ann len deòin a dh’fhàg iad dachaigh agus luchd an gaoil ‘s an eòlais. B’ e dleastanas a bh’ ann, mar a tha an dleastanas a th’ oirnne uile carthannas agus coibhneas a nochdadh dhan fheadhainn a tha a’ lorg comraich agus tèaraintea­chd.

The 101st anniversar­y of the first armistice service and the nationwide two minutes of silent respect for those who gave ‘their tomorrow’ to safeguard ‘our today’ was poignantly appropriat­e. Our freedom should be our daily reminder of what they achieved.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom