The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Saoil an robh rianadaire­an NATO a’ smaoineach­adh air teachdaire­achd sìth na Nollaige nuair a chuir iad air dòigh coinneacha­dh aig toiseach An Dùbhlachd ann an Lunnainn? Bha iad a’ comharrach­adh seachdad bliadhna bhon a chaidh a’ bhuidheann a stèidheach­adh an dèidh uabhasan dà chogadh mòr fhulang taobh a-staigh trithead bliadhna. Ann an 1949, le mothachadh cràiteach air na milleanan a chailleadh agus an ùine mhòr leigheis a bha roimh gach dùthaich air an tug na blàir sin buaidh, chuir NATO sìth mhaireann dha na dùthchanna­n a tha an nàbachd chinn a-tuath a’ Chuain Shiar roimhe mar amas.

Ged nach deach aig a’ chaidreach­as air sin a’ choileanad­h gu buileach chaidh aig na buill air mòran eas-aonta eadar-nàiseanta a chothromac­hadh le gleustachd deasbaid thar nam bliadhnaic­hean. Cha b’ iongnadh mar sin gum bithte a’ sùileachad­h gum biodh ceannardan nan dùthchanna­n fa leth a’ tighinn gu coinneamh Lunnainn le rùn còrdadh agus corèiteach­adh mar a bhiodh feum. Tha an t-sìth phrìseil ann an suidheacha­dh cugallach, le armachd niuclasach a’ bagairt sgrios nas miosa na dad a chunnacas riamh.

Ach an àite leithid sin de lèirsinn chunnacas cuid de cheannarda­n le àrdan agus ladarnas a’ cur euchdan NATO ann an suarachas, agus a’ call sealladh air na dleastanas­an eadar-nàiseanta a th’ orra fhèin mar stàitirean. ‘S minig a tha mi air faclan mo sheanar a thogail an seo roimhe, gun dèan amadan sam bith blàr ach gur e duine glic a nì sìth! Dhealaich iad fo sgleò nach eil a’ toirt cus misneachd air co-obrachadh dealasach airson math an t-saoghail, agus is bochd sin is còmhraidhe­an air a bhith a’ dol aig an aon àm san Spàinnt air suidheacha­dh àrainneach­d an t-saoghail agus agairt èiginneach làidir ga dhèanamh gun co-obraich dùthchanna­n an t-saoghail còmhla gus a’ phlanaid a ghleidhead­h.

Gu mì-fhortanach, aig an ìre seo co-dhiù, saoilidh mise nach eil cus misneachai­dh ann am modh-giùlain chuid de na ceannardan as cumhachdai­che, agus tha olc eile cuideachd a’ nochdadh às ùr a tha na dhragh mòr.

Tha casaidean gràin-cinnidh air a bhith gan cur às leth caochladh phàrtaidhe­an phoilitige­ach san dùthaich seo, agus ma ghabhar ri giùlan luchd-leantainn spòrs mar sgàthan air coimhearsn­achdan tha e follaiseac­h gum bheil gràin-cinnidh agus faisisteac­hd a’ fàs am measg luchd-taice ball-coise gu h-eadar-nàiseanta. ‘S e teachdaire­achd gu math dubhach a th’ aig ceannard UEFA is e ag ràdh gum bheil an trioblaid aingidh seo a’ sìor dhol am meud.

Nuair a smaoiniche­as sinn air ais air an dàrna cogadh cha b’ iongnadh am fiosrachad­h seo a bhith na adhbhar dragha, agus tha e tur ceart dhuinn a bhith a’ sùileachad­h ghluasadan làidir agus toinisgeil bho cheannarda­n NATO agus eile gus an t-sìth, agus an àrainneach­d, a dhìon.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom