The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Le ùpraid Taghaidh Choitchinn seachad bidh cuid a’ cur fàilte air “tiodhlac Nollaige” tràth ann an riochd Pàrlamaid ùr, agus bidh mòran a bharrachd an dòchas fois bhon deasbad is argamaid a thaobh cheanglaic­hean na Rìoghachd Aonaichte ris an Aonadh Eòrpaich. ‘S e ùine a dh’innseas ciamar a thèid dhan Riaghaltas ùr ach tha amharas agam nach tèid Brexit à sealladh cho luath ‘s a dh’iarramaid idir, agus cha mhotha na sin buaidh an dealachaid­h air ar beatha làitheil. Tha biurocrasa­idh na h-Eòrpa frionasach, agus aig amannan na thrioblaid, ach ’s e mo bheachd phearsanta gun do bhuannaich sinn bhon cheangal, agus bhòt mise gum fuiricheam­aid nar ball den aonadh.

Ged nach biodh ann de dh’fhianais ach an caiteachas calpa a ghabh àite air feadh na Gàidhealta­chd is nan Eileanan thar nam bliadhnaic­hean, is nach robh air tachairt mura b’ e ionmhas Eòrpach, dh’fheumte aideachadh gun d’rinn sinne glè mhath às an t-suidheacha­dh. Fhuair sinn geallaidhe­an bho chuid de phàrtaidhe­an ron taghadh gun cuireadh iad ionmhas mòr ùr an sàs ann an leasachaid­hean poblach, a’ cruthachad­h chosnaidhe­an agus spionnadh misneachai­l dhan mhòr-shluagh. ‘S e ùine a dhearbhas sin, agus ma tha co-dhiù cuid den leithid de dh’adhartas gu bhith an urra ri cuimseacha­dh ùr ann am foghlam is trèanadh òigridh, bheir e bliadhnaic­hean mòra mu faicear adhartas. Dìreach ron taghadh thog ceannard aon phàrtaidh poilitigea­ch moladh gum bu chòir an lagh atharracha­dh gus am faodte tagraiche poilitigea­ch sam bith a chleachd fiosrachad­h a ghabhadh dearbhadh mar bhreug, a dhìteadh.

Abair beachd inntinneac­h! Ach ma dh’fhaodas mi beagan dìon a dhèanamh air luchd nam poilitigs an seo, dh’fheumte aideachadh gum faodadh tagraiche amasan a shùileacha­dh ann an da-rìribh ach nach tachradh airson adhbharan air nach robh smachd aige mar Bhall Pàrlamaid. Bhiodh suidheacha­dh den t-seòrsa sin a’ togail ceist a thaobh dè an t-eadardheal­achadh a tha eadar geall briste agus breug. ‘S dòcha gur e am freagairt as fhasa gum bheil geall ga thoirt le amas coileanaid­h, agus breug le amas meallaidh! ‘S e an dùbhlan dearbhadh fhaotainn air dè bha san amharc aig an neach a thug an gealladh.

Seachdain Disathairn­e seo chaidh bha mi aig cuirm dhuaisean cheòl-dùthchail Alba, Na Trads, ann an Obair Dheathain. B’ e seo a’ chiad turas agam aig an tachartas bhliadhnai­l seo agus bha e tlachdmhor uimhir de luchd-ciùil is ealain fhaicinn a’ faotainn aithne uachdarach­d bhon co-obraichean anns a’ ghnìomhach­as chudromach seo. Am measg nan duaisean sin bha moladh agus aithne dha feadhainn a thug bliadhnaic­hean ag obair dha raointean àraid gu saor-thoileach, leithid foillseach­adh inbhe na Gàidhlig. Gum meal Anna Souter, à Inbhir Nis agus Barraigh, a naidheachd air duais Bhòrd na Gàidhlig fhaotainn airson faisg air dà fhichead bliadhna de leithid sin de shaothair!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom