Beachd Ailein
Ith, òl, agus bi subhach! Sin pàirt mhòr den fheallsanachd a tha a-nise a’ cuartachadh àm na Nollaige ‘s na Bliadhn’ Ùire, agus nach math cothrom a ghabhail draghan agus trioblaidean làitheil a leigeil à cuimhne airson tacan.
Ach tha e fìor a ràdh gum bheil mòran againn buailteach a dhol thar nan tomhasan le ìre na ròic a tha ga deasachadh agus tha an t-uamhas bìdh a dol a dholaidh an dèidh làimhe.
Aig an aon àm tha milleanan air feadh an t-saoghail a’ fulang le acras agus tart, agus ’s fhiach dhuinn cuimhneachadh gum bheil daoine anns an dùthaich seo fhèin cuideachd a tha fo bhuaidh bochdainn.
’S dòcha gur ann air sgàth a’ mhòr-chuid againn a bhith a’ caitheamh uiread an-dràsta a tha sinn nas buailtiche mothachadh dha suidheachadh nan truaghan sin.
Bidh sibhse mothachail, mar a tha mise, air an obair ionmholta aig buidhnean carthannais a tha a’ toirt biadh, aodach, agus beagan cofhurtachd dhan fheadhainn aig nach eil na sochairean sin aig àm sam bith den bhliadhna.
’S math an còcaire an t-acras, ’s mairg nì tarchais air a’ bhiadh! Comhairle a tha ga fàgail an urra ri Iarla Mhàrr nuair a bha e na fhògarrach an dèidh Blàr Inbhir Lòchaidh, agus tha e cheart cho fìor, agus pailt cho iomchaidh, an-diugh ‘s a bha e anns a’ chòigeamh linn deug.
’S ann nuair as gainne am biadh as còir a roinn a rèir seanfhacal eile, ach nuair a tha ana-caitheamh ga dhèanamh air uimhir tha fhios gum bheil àm roinne fiù ’s nas deatamaiche buileach.
Bha coibhneas bitheanta anns an dualchas againn agus ’s math as fhiach na seann dòighean a chumail air chuimhne agus an cleachdadh nuair a ghabhas. Nam òige bhithinn a’ cuideachadh seann chìobair, a bha a’ fuireach faisg oirnn, le obair earraich is foghair agus bhithinn a’ gabhail annas nuair a dhòirteadh e drama nach robh aige ach aon ghlainne fìona is a cas briste dhith.
Dh’fheumadh gach duine feitheamh chun an ruigeadh a’ ghlainne airsan.
Bha Pàdraig còir fada marbh mun do bhuail e orm nach b’ e ’s dòcha bochdainn a bha seo idir ach seann chleachdadh bhon àm sam bithte ag òl à adharc nach gabhadh cur sìos chun am biodh i falamh.
Chuala mi cuideachd uair mu sheann chleachdadh Gàidhealach eile a chòrd rium gu mòr, agus b’ e sin mar a bhiodh “roinn a’ choigrich” ga chomharrachadh aig àm bìdh, ge b’ e dè cho pailt neo gann ‘s a bha beairteas na dachaigh. Chan eil mi idir a’ feuchainn ri bhur fàgail a’ faireachadh ciontach às an t-saidhbhreas neo am furan a bhios agaibh, gu dearbh ’s ann a tha mi a’ guidhe sin dhuibh gu dùrachdach, agus cuideachd gum bi “roinn a’ choigrich” daonnan deiseil agaibh!
I wish you a wonderful Christmas, and the opportunity to share kindness and happiness with as many as possible! Remember, a stranger is just a friend you do not know!