The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Ith, òl, agus bi subhach! Sin pàirt mhòr den fheallsana­chd a tha a-nise a’ cuartachad­h àm na Nollaige ‘s na Bliadhn’ Ùire, agus nach math cothrom a ghabhail draghan agus trioblaide­an làitheil a leigeil à cuimhne airson tacan.

Ach tha e fìor a ràdh gum bheil mòran againn buailteach a dhol thar nan tomhasan le ìre na ròic a tha ga deasachadh agus tha an t-uamhas bìdh a dol a dholaidh an dèidh làimhe.

Aig an aon àm tha milleanan air feadh an t-saoghail a’ fulang le acras agus tart, agus ’s fhiach dhuinn cuimhneach­adh gum bheil daoine anns an dùthaich seo fhèin cuideachd a tha fo bhuaidh bochdainn.

’S dòcha gur ann air sgàth a’ mhòr-chuid againn a bhith a’ caitheamh uiread an-dràsta a tha sinn nas buailtiche mothachadh dha suidheacha­dh nan truaghan sin.

Bidh sibhse mothachail, mar a tha mise, air an obair ionmholta aig buidhnean carthannai­s a tha a’ toirt biadh, aodach, agus beagan cofhurtach­d dhan fheadhainn aig nach eil na sochairean sin aig àm sam bith den bhliadhna.

’S math an còcaire an t-acras, ’s mairg nì tarchais air a’ bhiadh! Comhairle a tha ga fàgail an urra ri Iarla Mhàrr nuair a bha e na fhògarrach an dèidh Blàr Inbhir Lòchaidh, agus tha e cheart cho fìor, agus pailt cho iomchaidh, an-diugh ‘s a bha e anns a’ chòigeamh linn deug.

’S ann nuair as gainne am biadh as còir a roinn a rèir seanfhacal eile, ach nuair a tha ana-caitheamh ga dhèanamh air uimhir tha fhios gum bheil àm roinne fiù ’s nas deatamaich­e buileach.

Bha coibhneas bitheanta anns an dualchas againn agus ’s math as fhiach na seann dòighean a chumail air chuimhne agus an cleachdadh nuair a ghabhas. Nam òige bhithinn a’ cuideachad­h seann chìobair, a bha a’ fuireach faisg oirnn, le obair earraich is foghair agus bhithinn a’ gabhail annas nuair a dhòirteadh e drama nach robh aige ach aon ghlainne fìona is a cas briste dhith.

Dh’fheumadh gach duine feitheamh chun an ruigeadh a’ ghlainne airsan.

Bha Pàdraig còir fada marbh mun do bhuail e orm nach b’ e ’s dòcha bochdainn a bha seo idir ach seann chleachdad­h bhon àm sam bithte ag òl à adharc nach gabhadh cur sìos chun am biodh i falamh.

Chuala mi cuideachd uair mu sheann chleachdad­h Gàidhealac­h eile a chòrd rium gu mòr, agus b’ e sin mar a bhiodh “roinn a’ choigrich” ga chomharrac­hadh aig àm bìdh, ge b’ e dè cho pailt neo gann ‘s a bha beairteas na dachaigh. Chan eil mi idir a’ feuchainn ri bhur fàgail a’ faireachad­h ciontach às an t-saidhbhrea­s neo am furan a bhios agaibh, gu dearbh ’s ann a tha mi a’ guidhe sin dhuibh gu dùrachdach, agus cuideachd gum bi “roinn a’ choigrich” daonnan deiseil agaibh!

I wish you a wonderful Christmas, and the opportunit­y to share kindness and happiness with as many as possible! Remember, a stranger is just a friend you do not know!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom