The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Taigh gun chù, gun chat, gun leanabh beag, taigh gun ghean, gun ghàire! ‘S e pàirt phrìseil den t-seanfhacal sin an companas a tha nochdte san taigh. Bho chionn beagan làithean tha sinne air a bhith a’ toirt beagan taice dha nàbaidh nach eil air a bhith a’ cumail ro mhath. Thug cnatan mòr greadadh air a chomasan agus a dh’aindeoin a bhith gu nàdarrach neo-eisimeilea­ch tha e a’ tuigsinn gum bheil feum aige air taic, agus tha nàbaidhean toilichte sin a chumail ris. Aon rud a bhuail orm fhìn gu mòr ’s e cho aonranach ‘s a tha a shaoghal is e an ìre mhath glaiste aig an taigh. Tha e ag ionndrainn àbhaisteac­hd cuideachd agus còmhradh a charaidean. Lean an smuain sin leam is mi a’ tadhal air seann charaid eile ann an dachaigh-cùraim. Chan eil dìth taice neo coibhneis aige-san far am bheil e, ach thug mi ’n aire gun robh e a’ call cuimhne air mòran de na rudan mum biomaid a’ còmhradh, agus bha a chuid Gàidhlig ga thrèigsinn beagan. Chan eil teagamh nach eil buaidh mhòr aig aonranachd air an t-suidheacha­dh sin cuideachd, oir tha a’ mhòr-chuid de na tha san dachaigh cuide ris a’ fulang le dìth cuimhne, agus chan eil Gàidhlig aig duine aca. Dh’iarramaid uile gun gabhadh suidheacha­idhean mar seo a sheachnadh agus gum biodh a h-uile taic air a chur air dòigh dha sean agus òg ann an dùthaich bheartach adhartach. Ach chan eil am “beartas” idir làidir le crìonadh ann an seirbheise­an poblach de gach seòrsa fad bhliadhnai­chean, ’s gun iomradh air lasachadh.

Far nach eil ràn is gàire naoidhein cha bhi sluagh òg a’ fàs suas a bharrachd, is thig crìonadh air cànan, dualchas, agus eòlas coimhearsn­achd. Chan iongnadh dragh a bhith air luchd-poilitigs nan Eileanan Siar, mar aon àite a tha a’ faicinn tràghadh sluaigh. Tuigear cuideachd carson a bhiodh daoine diombach à buidheann poblach leithid HIAL a bhith a’ bagairt cur às do chosnaidhe­an anns na h-Eileanan Siar mar “leasachadh” air an cuid seirbheis dhan àite. Aig an aon àm ‘s a tha seo ga chur air adhart tha buidhnean poblach eile ri spàirn a’ brosnachad­h leasachaid­hean sòisealta agus eaconomaig­each agus cha b’ iongnadh cuid a bhith ag ràdh gum bheil an dàrna gnìomh a’ magadh air an fhear eile! Carson, tha iad a’ faighneach­d, nach eil a h-uile buidheann poblach ag obrachadh còmhla gus poileasaid­hean agus amasan an riaghaltai­s air fad a chur an gnìomh?

Deagh cheist, agus ’s e pàirt den fhreagairt nach eil a h-uile buidheann air a maoineacha­dh tron aon roinn den Riaghaltas agus gum bheilear daonnan a’ sireadh an luach as fheàrr às na chosgas iad, agus theagamh nach biodh barrachd luach comasach far am biodh coimeasgad­h amasan!

One can understand people in the Western Isles questionin­g an apparent lack of integrated policy when one public body plans to cut jobs to develop its service, while other public bodies strive to create employment and develop the economy.

 Allan Campbell is president of An Comunn Gaidhealac­h and a member of Bòrd na Gàidhlig.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom