The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@ obantimes.co.uk

Siubhail gu sàbhailte is ruigheachd shlàn dhut! Briathran coibhneil agus deagh rùn a chluinnear bitheanta fiù ’s ged a dh’fhaodte nach eil luchd-labhairt daonnan làn-mhothachai­l air brìgh an cuid cainnte.

Nuair a chruthaich luchd-poilitigs New York iomairt margaideac­hd gus spionnadh agus soirbheach­as a’ bhaile a bhrosnacha­dh mu dhà fhichead bliadhna air ais bha feadhainn a’ cur sìos air an iomairt ag ràdh nach robh luchd-obrach thionnsgal­an a’ bhaile da-rìribh dhan fheadhainn a bha iad a’ frithealad­h nuair a bha iad a’ guidhe latha math dhaibh. (Have a good day!)

Ach dh’obraich sin dha New York agus shoirbhich eaconamaid­h a’ bhaile. Theagamh gun gabh New York na bheil ann uile de thèarainte­achd sluaigh, ach a dh’aindeoin sin tha amas sàbhailtea­chd luachmhor agus cudromach.

Bha mi a’ coimhead air ais air Beachd a sgrìobh mi deireadh an Dàmhair 2014 goirid mus deach iomairt ùr a chur an gnìomh gus astar trafaig air an A9 eadar Inbhir Nis agus Peairt a shèimheach­adh le camarathan a’ cumail cunntas air astar charbadan fa leth thar phìosan àraid den t-slighe. Bha mi ag aontachadh gur e gluasad riatanach a bh’ ann nan dèanadh e cùisean nas sàbhailte, agus a rèir aithrisean bhon uairsin ’s ann mar sin a th’ air a bhith is gu h-àraid nas lugha de thubaistea­n bàsmhor air tachairt.

Tha iomadh bliadhna a-nise bho chaidh rathad-mòr an A9 a leasachadh bho shlighe singilte agus ’s fhada bho chrìon annas luchd-siubhail ann an goireas rathad dà-fhillte. Bha iomadh adhbhar air sin, eadar farmad dha rathaidean phàirtean eile den dùthaich agus ri linn cumhachd agus comas astair charbadan an-diugh. Mu dheireadh thall tha an luchd-iomairt a th’ air a bhith a’ coiteachad­h gus an t-slighe eadar Inbhir Nis agus Peairt a dhùblachad­h a’ faicinn adhartas, le gealladh bho Riaghaltas na h-Albann gum bi slighe dhùbailte crìochnaic­hte ann an 2025.

Ged a tha luchd-àrainneach­d na aghaidh saoilidh mi nach tig latha anns nach bi feum air slighean sàbhailte gus siubhal na dùthcha agus gum bheil sin a’ fìreanacha­dh na cosgais seo. ’S tric a chithear lèirsinn ùr a’ leantainn gnìomh agus gu cinnteach tha cuid den dealbhacha­dh a rinneadh air an A9 roimhe air leth cunnartach, gu sònraichte far am bheil aig trafaig ri gearradh tarsaing air carbadan eile nuair a tha iad a’ fàgail neo a’ tighinn chun na làimhe-deise air an rathad.

Bhiodh cosgais na mhàthair-adhbhar air co-dhùnaidhea­n nuair a thogadh an siostam seo, agus tha cosgais nas motha buileach na trioblaid a’ feuchainn ris na mearachdan sin a cheartacha­dh. Dè luach a chuirear air beatha neach sam bith?

Cuiridh sinn fàilte air rathad ùr le dòchas gur e sàbhailtea­chd luchd-siubhail am prìomh iùl aig an luchd-dealbhacha­idh.

Hazardous junctions on the A9 have claimed many lives over the years, and as the dualling of the route between Inverness and Perth moves towards completion in 2025, it is vital that the safety of its users over many decades ahead is the guiding principle of its constructi­on.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom