The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL editor@obantimes.co.uk Allan Campbell ailean@obantimes.co.uk

Air an t-seachdain a chaidh thug mi iomradh air na bha ag ràdh gum biodh an saoghal againn uile gu math eadar-dhealaicht­e mun àm a bhios suidheacha­dh èiginneach a’ chorònabhì­orais seo seachad. Uill gu ìre tha sin air tachairt mar-thà, taobh a-staigh seachdaine! Chan fhacas riamh riaghaltas a’ cur uimhir de mhaoin poblach an sàs gus cosnaidhea­n agus gnìomhacha­s na roinne prìobhaidi­ch a dhìon, gun ghuth air gur e riaghaltas Tòraidh a tha a’ dèanamh sin! Tha an riaghaltas cuideachd ag aithneacha­dh nach eil làn-bhuaidh an tinneis seo fhathast air sgaoileadh feadh Bhreatann agus gum feum e ’s dòcha riaghailte­an fiù ’s nas teinne a chur an gnìomh gus feuchainn ri smachd a ghleidhead­h air an astar aig an sgaoil a’ bhìoras. Tha sin gu bhith deatamach gus dìon a thoirt air comas sheirbheis na slàinte dèiligeadh ri meud na h-uallaich a bhios air. Chan fhacas riamh leithid de dhùbhlan tinneis a’ bualadh feadh an t-saoghail aig aon àm agus tha dìth banachdaic­h a’ ciallachad­h gum faodadh dùbhlan a’ chorònabhì­orais a bhith na thrioblaid airson còrr math air bliadhna romhainn. Chan eil teagamh nach eil an saoghal againn ann an Alba air atharracha­dh ged nach biodh ann ach gum bheil sgoiltean uile dùinte agus casg air deuchainne­an airson a’ chiad turas ann an 132 bliadhna.

Mar a bhiodh dùil ’s dòcha tha cuid nach eil a’ gèilleadh ri comhairle oifigeil a thaobh a bhith a’ dol an cuideachd dhaoine eile, agus gun teagamh tha dìorrasach­d aineolach nan daoine sin dol a chur beatha chuid eile ann an cunnart. Theagamh gun tig an tuilleadh bhacaidhea­n air saorsa gluasaid mar mheadhan air dèiligeadh ris an fheadhainn nach gabh comhairle agus bidh sin tàmailteac­h dhan mhòr-chuid a tha gu bhith ciallach. Gun teagamh sam bith tha daoine a’ gabhail an eagail far am bheil uimhir de mhì-chinnt, agus a dh’aindeoin comhairle chiallach a thaobh leithid ceannach bìdh tha cuid a’ call smachd orra fhèin nuair a chì iad feadhainn eile a’ càrnadh gun adhbhar. ’S dòcha gum feum barrachd smachd a ghabhail air sin cuideachd. Chuala mi aon neach-labhairt a’ nochdadh beachd gum bheil eachdraidh a’ sealltainn gum bi cuid de riaghailte­an a thig ann an leithid seo de shuidheach­adh uaireannan a’ leantainn an dèidh dhan trioblaid falbh. Bidh sinn an dòchas nach tachair sin! An dèidh dìreach beagan làithean de na h-oghaichean againn a’ gabhail ris a’ chomhairle seann daoine a sheachnadh tha sinn ga fhaotainn gu math annasach, agus ag ionndrainn an cuid cuideachd is crac. Cha tig crìoch air leithid sin de sgaradh luath gu leòr dha seann-phàrantan uile!

Cha tàinig làn gun muir-tràigh na dèidh, agus feumaidh sinn misneachd a ghleidhead­h. Ma tha gàrradh agaibh theirigibh an sàs ann, mur a bheil gabhaibh tlachd à sìneadh làithean earraich agus cuimhneach­ain air àm buain mhònadh, cur buntàta, is corc! Agus cumaibh sàbhailte!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom