The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL Allan Campbell ailean@obantimes.co.uk

editor@obantimes.co.uk

Nach tric a chluinnear gun tig math à olc, agus tha mòran a’ fàs mothachail air mar a tha an impidh a th’ oirnn uile fuireach aig ar dachannan a’ toirt cothrom sealltainn ri rudan a bha sinn ’s dòcha a’ cur dheth bho chionn greise. ’S e fìrinn na cùise gum bheil beatha làitheil dhaoine, agus gu h-àraid feadhainn a tha fhathast a’ cosnadh agus a’ togail teaghlach, air fàs cho dripeil is nach eil iad ag amas air mòran a dh’iarradh iad a dhèanamh. Chuala mi fiù ’s aon mhàthair ag ràdh gum bheil an fhèin-aonaranach­d a’ toirt cothrom luachmhor dhi ùine a chur seachad cuide ri a cuid cloinne. Anns an àbhaist tha a saoghal, mar a tha saoghal nam milleanan, air giùladair a tha ga lìonadh le uallaichea­n obrach agus dhleastana­san làitheil. Dè an seòrsa rudan ris am bheil cothrom againn sealltainn a-nise ma-thà? Leabhraich­ean sònraichte ’s dòcha, neo sùil a thoirt air seann dealbhan teaghlaich, neo ’s dòcha ùrachadh eòlais a dhèanamh le fònadh gu caraid. Theagamh nach eil an dealbh a thug am bàrd Niall MacLeòid, le greis air sùgradh, greis air dannsa, greis air canntairea­chd, is ceòl, cho coltach san là an-diugh ach gu cinnteach nì aighear feum agus togail inntinn. Theagamh gun cuir daoine cuideachd luach air ùine a bhith aca smaoineach­adh air mar a thèid aca air taic is coibhneas a’ nochdadh do dhaoine eile nach eil ann an suidheacha­dh cho cofhurtail riutha fhèin.

Nì gnìomhan beaga coibhneil atharracha­dh mòr glè thric agus tha fianais làitheil againn air mar a tha daoine deiseil gus taic shaor-thoileach a thoirt nuair a tha cùisean duilich. Chan eil fios againn dè cho fada ‘s a dh’fhaodadh an suidheacha­dh seo mairsinn agus cha mhotha na sin a tha fios dè a’ bhuaidh a bheir aonaranach­d fhada air daoine. Bidh cunnart ann gum fàs cuid cho draghail le bhith air an cuingealac­hadh agus gum bris iad na riaghailte­an a tha an riaghaltas air a chur oirnn. Dh’fhaodadh sin ciallachad­h gun tèid poileas an sàs le làmhachas-làidir a bhios thar tòimhsean agus gum fàs eas-ùmhlachd poblach. ’S e dealbh eagalach a tha sin agus mar a tha mi air a ràdh roimhe chan eil farmad sam bith agam ri luchd-riaghlaidh aig am bheil uallach stiùiridh chor na dùthcha aig an àm seo. Tha iadsan a’ dèanamh an dìchill a’ leantainn na comhairle saidheansa­il a tha iad a’ faotainn, agus buidheacha­s dha na mìltean de luchd-obrach sheirbheis­ean deatamach de gach seòrsa a tha gan cur fhèin ann an gàbhadh gach latha ag obair dhuinn uile!

Ach tha cor na dùthcha agus mar a gheibh i thairis air sgrios a’ chorònabhì­oras gu bhith cuideachd gu mòr an urra ris an t-sluagh gu lèir, agus mar is motha feairt a bheir sinn dha na riaghailte­an aonaranach­d ’s ann as luaithe a thèid an trioblaid seachad. Sùil eile air na seann dealbhan ud ma-thà!

Enforced isolation can allow time to tackle long-standing to-do lists!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom