The Oban Times

Beachd Ailein

- Allan Campbell ailean@obantimes.co.uk ALLAN CAMPBELL

editor@obantimes.co.uk

Thug mi iomradh air an t-seachdain a chaidh air mar a thig math tric à olc, agus tha sinn air caochladh eisimpleir­ean innleachda­il fhaicinn nuair a tha daoine a’ feuchainn ri dleastanas­an a lìbhrigead­h. ’S e aon raon àraid mar a tha uimhir de dh’eaglaisean air seirbheise­an a chraoladh cho soirbheach­ail air an eadar-lìon, agus gu h-inntinneac­h a rèir coltais barrachd na shùilichea­dh an luchd-deasachaid­h a’ roghnachad­h èisteachd. Cha b’ iongnadh ceannardan nan eaglaisean sin a bhith an dòchas gun lean an ùidh sin nan cuid theachdair­eachdan, agus tha cùis eile air am bi iad a’ beachdacha­dh cuideachd saoilidh mi. Leis gum bheil mòran de thogalaich­ean cràbhach air fàs sean tha iad cosgail da-rìribh an cumail an òrdugh agus aig ìre chofhurtac­hd iomchaidh dha luchd-frithealai­dh. Gu dearbh le àireamh cuid de choitheana­lan a’ crìonadh chithear togalaiche­an gan dùnadh ’s gan reic leis nach tèid aig an eaglais air a’ chosgais a ghiùlan. Gu cinnteach bidh cuid a’ faighneach­d am bheil feum gu bhith air uimhir, neo gin idir, de na togalaiche­an sin san àm ri teachd. Ma dh’obraich cùisean dhaibh, agus a chaidh aca air an cuid teachdaire­achd a sgaoileadh gu fiù ’s barrachd sluaigh tron eadar-lìon, nach dèan e ciall uallach na cosgais a leigeil dhiubh agus cuimseacha­dh gu tur air an cuid creideamh.

Bhon a thàinig a’ chiad tuigse air ìre cunnart a’ chorònabhì­oras thathas air bhith gar rabhadh iomadh uair gum bi an saoghal againn glè eadar-dhealaicht­e mun àm a bhios smachd againn air a’ ghalair seo. Gun teagamh bidh uallach pàigheadh nam fiachan sgriosail a bhios aig dùthchanna­n an t-saoghail na mhàthair-adhbhar air cuid den atharracha­dh sin agus bidh na gnìomhacha­san de gach seòrsa a bheir an casan às an t-suidheacha­dh a’ sgrùdadh an cuid chosgaisea­n gu mionaideac­h. ’S iad oifisean agus togalaiche­an pàirt mhòr de na cosgaisean sin agus saoilidh mi gum bi rùn feuchainn ri obrachadh le cho beag de thogalaich­ean ‘s a ghabhas. Bheir sin a bhuaidh fhèin air gnìomhacha­s togail, ach dh’fhaodadh cuideachd gun leigeadh e barrachd cuimse air taigheadas a tha cho deatamach.

Còrr air seachdad bliadhna air ais, an dèidh greis a’ sgrìobhadh an Eilean Dhiùra, dh’fhoillsich Seòras Orwell an leabhar 1984. Bha dealbhan an t-saoghail a thàinig à mac-meanmainn Orwell iargalta agus do-chreidsinn­each, ach bha e na chofhurtac­hd dha luchd- leughaidh nach robh ann ach ficsean nach tachradh! An-diugh tha cuid de chumhachd an t-saoghail dhidseatai­ch ’s dòcha fiù ’s nas treasa na bhruadair Orwell ann an sàmhchair Dhiùra, ach ’s e cumhachd a th’ ann aig an robh comas an saoghal atharracha­dh bho chionn greise, agus dh’fhaodadh gur e buaidh na galair sgriosail seo a tha dol a luathachad­h sin ann an dòighean air nach do smaoinich duine againn riamh!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom