Beachd Ailein
Thug mi iomradh air an t-seachdain a chaidh air mar a thig math tric à olc, agus tha sinn air caochladh eisimpleirean innleachdail fhaicinn nuair a tha daoine a’ feuchainn ri dleastanasan a lìbhrigeadh. ’S e aon raon àraid mar a tha uimhir de dh’eaglaisean air seirbheisean a chraoladh cho soirbheachail air an eadar-lìon, agus gu h-inntinneach a rèir coltais barrachd na shùilicheadh an luchd-deasachaidh a’ roghnachadh èisteachd. Cha b’ iongnadh ceannardan nan eaglaisean sin a bhith an dòchas gun lean an ùidh sin nan cuid theachdaireachdan, agus tha cùis eile air am bi iad a’ beachdachadh cuideachd saoilidh mi. Leis gum bheil mòran de thogalaichean cràbhach air fàs sean tha iad cosgail da-rìribh an cumail an òrdugh agus aig ìre chofhurtachd iomchaidh dha luchd-frithealaidh. Gu dearbh le àireamh cuid de choitheanalan a’ crìonadh chithear togalaichean gan dùnadh ’s gan reic leis nach tèid aig an eaglais air a’ chosgais a ghiùlan. Gu cinnteach bidh cuid a’ faighneachd am bheil feum gu bhith air uimhir, neo gin idir, de na togalaichean sin san àm ri teachd. Ma dh’obraich cùisean dhaibh, agus a chaidh aca air an cuid teachdaireachd a sgaoileadh gu fiù ’s barrachd sluaigh tron eadar-lìon, nach dèan e ciall uallach na cosgais a leigeil dhiubh agus cuimseachadh gu tur air an cuid creideamh.
Bhon a thàinig a’ chiad tuigse air ìre cunnart a’ chorònabhìoras thathas air bhith gar rabhadh iomadh uair gum bi an saoghal againn glè eadar-dhealaichte mun àm a bhios smachd againn air a’ ghalair seo. Gun teagamh bidh uallach pàigheadh nam fiachan sgriosail a bhios aig dùthchannan an t-saoghail na mhàthair-adhbhar air cuid den atharrachadh sin agus bidh na gnìomhachasan de gach seòrsa a bheir an casan às an t-suidheachadh a’ sgrùdadh an cuid chosgaisean gu mionaideach. ’S iad oifisean agus togalaichean pàirt mhòr de na cosgaisean sin agus saoilidh mi gum bi rùn feuchainn ri obrachadh le cho beag de thogalaichean ‘s a ghabhas. Bheir sin a bhuaidh fhèin air gnìomhachas togail, ach dh’fhaodadh cuideachd gun leigeadh e barrachd cuimse air taigheadas a tha cho deatamach.
Còrr air seachdad bliadhna air ais, an dèidh greis a’ sgrìobhadh an Eilean Dhiùra, dh’fhoillsich Seòras Orwell an leabhar 1984. Bha dealbhan an t-saoghail a thàinig à mac-meanmainn Orwell iargalta agus do-chreidsinneach, ach bha e na chofhurtachd dha luchd- leughaidh nach robh ann ach ficsean nach tachradh! An-diugh tha cuid de chumhachd an t-saoghail dhidseataich ’s dòcha fiù ’s nas treasa na bhruadair Orwell ann an sàmhchair Dhiùra, ach ’s e cumhachd a th’ ann aig an robh comas an saoghal atharrachadh bho chionn greise, agus dh’fhaodadh gur e buaidh na galair sgriosail seo a tha dol a luathachadh sin ann an dòighean air nach do smaoinich duine againn riamh!