The Oban Times

Beachd Ailein

- editor@obantimes.co.uk ALLAN CAMPBELL

Tha luach leithid an eadar-lìon agus fòn follaiseac­h, ach ’s ann air sgìrean iomallach na dùthcha as luachmhoir­e iad buileach. Ann am baile-mòr tha cuideigin nas dualtaiche bhith faisg, seach mar eisimpleir, mar a bhiodh an àiteigin air rathad aonranach air Ghàidhealt­achd. Ach far am bheil feallsanac­hd calpachais a’ riaghladh tha feumalachd­an sheirbheis­ean èiginn tric air deireadh ann an roinn na maraig ionmhais phoblaich!

Chan eil teagamh nach eil cothroman gu bhith ann cuid a rudan a dhèanamh ann an dòighean eadar-dhealaicht­e, agus nas goireasaic­he, nuair a bhios sgrios a’ chorònabhì­orais seachad. Bidh na fiachan aig mòran bhuidhnean cho trom agus gum bithear a’ lorg a h-uile caomhnadh. Sin is coireach gum bheil mi den bheachd gum bi fada bharrachd dhaoine ag obair bhon dachannan seach mar a bha. Gu ruige seo b’ e rud a bh’ ann a thachradh corra uair seach gu h-àbhaisteac­h, ach ma tha e dol a dh’fhàs nas bitheanta dh’fhaodadh cothrom leasachaid­h math a bhith an sin dha coimhearsn­achdan an iomaill.

Fad bhliadhnai­chean tha draghan air nochdadh a thaobh ’s mar a tha daoine òga gan sìoladh a-mach à sgìrean nan oirean ri linn dìth chothroman cosnaidh agus ghoireasan de gach seòrsa. Ged a tha Comhairlea­n a’ dèanamh an dìchill a thaobh sheirbheis­ean dha na coimhearsn­achdan sin tha buaidh mhòr aig neart eaconamach na sgìre air an seòrsa taice a gheibh i. Ma ghabhas dearbhadh gum faod fichead cosnach obrachadh à baile cruite air taobh siar Alba, pailt cho furasta ‘s a bhiodh air iomall baile-mòr am meadhan Alba neo fiù ’s Shasainn, carson nach fhaodadh sin tachairt? Agus an cois ùrachadh eaconamach nan sgìrean sin carson nach fhaodadh beatha chultarail, Ghàidhlig, nan coimhearsn­achdan sin a bhith air am beothachad­h aig an aon àm. Tha mi mothachail gum bheil mi a’ cur air adhart an seòrsa argamaid a bhiodh aig mo charaid Iain Noble nuair a choinnich mi ris an toiseach còrr air dà fhichead bliadhna air ais, agus nuair nach robh fiù ’s goireasan fòn dòigheil ann an iomadach sgìre. Ach seallaibh an dìleab a dh’fhàg feallsanac­hd Iain ann an ceann a deas an Eilean Sgitheanai­ch!

Tha a-nise còraichean laghail aig dachannan agus gnìomhacha­san seirbheis dhòigheil eadarlìon agus fòn iarraidh fo Dhleastana­s Seirbheis Uile-choitchean­n a tha Ofcom a’ stiùireadh às leth an Riaghaltai­s. ’S e cothrom sònraichte a tha seo dha Buill Pàrlamaid agus dha Comhairlea­n sàr ghoireasan eadar-lìon agus fòn iarraidh dha na sgìrean iomallach, agus gun tèid sanasachd a dhèanamh air na cothroman a th’ ann dha companaidh­ean aig deas a bhith a’ stèidheach­adh fastaich aig tuath!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom