The Oban Times

Beachd Ailein

- editor@obantimes.co.uk Allan Campbell, ailean@obantimes.co.uk ALLAN CAMPBELL

Cha robh e na iongnadh sam bith gun d’ rinn a’ Bhanrigh Ealasaid ceangal eadar uabhasan an Dàrna Cogaidh agus na tha daoine a’ fulang le sgrios Covid 19. Bha i a’ craoladh bheachdan a’ comharrach­adh ceann-bliadhna latha VE, nuair a ghèill Nàsaich na Gearmailte agus a thàinig crìoch air an Dàrna Cogadh san Roinn Eòrpa.

Gu ìre bha an saoghal gu lèir a’ cur clach air càrn-cuimhne na milleanan a chaill am beatha san tachartas oillteil sin agus a’ mhòr-chuid a’ feuchainn ri tuigsinn cò ris a bha e coltach naidheachd sìthe a chluinntin­n seachdad ‘s a còig bliadhna air ais.

Bha sinn a’ feuchainn ri tuigsinn ri linn ’s nach eil mòran air fhàgail aig am bheil cuimhne air an latha, agus tha nas lugha buileach beò a bha an sàs sa chòmhstri! Ach abair gum bheil gach neach dhiubh airidh air cuimhne, agus urram, na càirdean sin nach b’ aithne dhuinne riamh ach an ainmean agus ma tha sinn fortanach, ’s dòcha dealbh neo dhà de dhaoine òga. Ginealach caillte, agus bu thruaighe iomadh coimhearsn­achd agus a’ Ghàidhealt­achd is na h-Eileanan nam measg sin. Buille chruaidh eile dha na Gàidheil, gu h-eaconamach agus gu cultarach, agus tha a’ bhuaidh nochdte fhathast.

Ged a thill mòran beò dh’fhàg na chunnaic is na dh’fhuiling iad lotan air bodhaig is inntinn nach do leighis gu tur riamh. Cluinnear bitheanta nach robh an fheadhainn a thug am beatha às a’ bhlàr deònach bruidhinn mun a’ chogadh, agus ’s e pàirt den adhbhar sin gun dùisgeadh sin cuimhne air eagal do-chreidsinn­each ri uchd bualaidh.

Cha b’ ann den deòin a bha iad ann ach air sgàth ’s nach robh roghainn aca, ach rinn iad na chaidh iarraidh orra agus mòran aca le gaisgeachd iomraiteac­h! ’S fhiach cuimhneach­adh cuideachd air na geallaidhe­an a bhreug air falbh iad, ’s gum biodh dùthaich freagarrac­h air gaisgich romhpa a’ tilleadh. Cha robh an sin ach aon de na geallaidhe­an nach deach a choileanad­h dhaibh, agus b’ fheudar dha iomadach Gàidheal òg a thàinig beò à uabhas cogaidh a’ choimhears­nachd fhèin a thrèigsinn air sgàth dìth cosnaidh is dachaigh, is freumhacha­dh ann am baile-mòr às nach do thill e.

’S e cùis-nàire dhan dùthaich cho beag aithne is taic ‘s a tha feadhainn a chaidh an aghaidh cunnart às ar leth a’ faotainn, chan eil dùthaich againn fhathast freagarrac­h dha gaisgich!

’S e nàmhaid eadar-dhealaicht­e ris am bheil luchd-seirbheis na slàinte a’ sabaid an-dràsta, ach tha e pailt cho iargalta agus cunnartach, agus nach bu chòir gun toireamaid duais a rèir an cuid gaisge dha na laoich sin!

Her Majesty the Queen’s VE Day message rightly urged us to remember how much we owe to those who gave so much for our freedom. We should also remember the cultural, social, and economic damage added to war casualties by the failure to deliver the promised “land fit for heroes”. Let’s make certain the health-care heroes of the Covid 19 conflict are suitably recognised!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom